Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Faoilleach 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Theresa May a' dèanamh oidhirp eile an-diugh air taic fhaighinn dha a h-aonta airson Brexit air am bi buill-phàrlamaid a' bhòtadh a-màireach. Ann an òraid ann an Stoke a' tòiseachadh dìreach an ceartuair, bheir i rabhadh do bhuill-phàrlamaid gun cuir iad às dhan phròiseas gu lèir mura cur iad taic rithe.

Tha cuideam a' sìor fhàs air a' Phàrtaidh Làbarach bhòt cion earbsa a ghairm nan cailleadh an Riaghaltas a' bhòt sin a-màireach. Ach thuirt an Seansalair Dùbhlanach, John McDonnell, an-diugh nach dèan na Làbaraich sin gus am bi an t-àm ceart.

Iran

Tha boireannach a bhoineas do Bhreatainn agus Iran a' tòiseachadh air iomairt an-diugh far an diùlt i biadh airson trì là. Chaidh Nazanin Zaghari-Ratcliffe dhan phrìosan ann an Tehran ann an 2016 agus i fo chasaidean brathaidh. Tha ise a' dol às àicheadh.

An Tuirc

Tha an Tuirc mì-thoilichte le teachdaireachd a chuir an Ceann-suidhe Trump air Twitter. Thuirt an ceann-suidhe gun dèan esan sgrios air eaconomaidh na Tuirce nam b' e agus gun toireadh an Tuirc ionnsaigh air na Curdaich aon uair 's gum fàg feachdan Aimeireaganach Siria. Thuirt Ministear Cèin na Tuirc nach gabh an Tuirc idir ri maoidheadh den t-seòrsa sin.

Stòras

Chaidh iomairt ùr fhoillseachadh airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' cur £5m gu ruige pròiseictean a nì feum dhan sgìre 's am measg sin tha sgeamaichean ag amas air luchd-turais.

Manchester

Thèid fear mu choinneimh na cùirte an-diugh co-cheangailte ri bàs balaich, 11, ann am Manchester. Chaidh Taylor Schofield a mharbhadh nuair a bhuail càr ann ann an sgìre Beswick Oidhche Shathairne. Tha Michael Robinson, 31, fo chasaid gun do rinn e marbhadh le draibheadh cunnartach.

Ath-sgrùdadh

Tha ath-sgrùdadh ann airson a' chiad uair ann am 20 bliadhna air lagh inisg na h-Alba. Thug leudachadh anns na meadhanan-sòisealta air Riaghaltas na-Alba sùil a thoirt air ùrachadh an lagh a tha a' cur dìon air duine bho mhì-chliù. Bidh conaltradh poblach ann air a' chùis.

Iasgach

Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh bho Westminster mun t-seòrsa taic a gheibh gnìomhachas an iasgaich an dèidh Brexit. Tha riochdairean Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Cuimrigh a' coinneachadh ri oifigich Roinn na h-Àrainneachd, a' Bhìdh agus nan Cùisean Dùthchail ann an Lunnain an-diugh.