Luchd-iomairt a' gearain mu leasachaidhean rèile na Gàidhealtachd

Trèana

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol a chosg £57m a' leasachadh seirbheisean rèile eadar meadhan na h-Alba agus Inbhir Nis thairis air 6 bliadhna.

Tha luchd-iomairt ag ràdh nach eil na th' anns an amharc idir a' dol fada gu leòr.

Tha iad cuideachd a' cumail a-mach gun deach tòrr a bharrachd na thathar a' dol a dhèanamh le na seirbheisean a ghealtainn dhaibh.

Thairis air 6 bliadhna, thèid atharrachaidhean a chuir an-sàs airson faid nan seirbheisean a ghearradh agus barrachd luchd-cleachdaidh a thàladh.

Tha dùil cuideachd gun tèid seirbheisean rèile bathair a' leudachadh.

Gealltanas

Tha luchd-iomairt, a th' air a bhith airson piseach a thoirt air seirbheisean fad ùine, ag ràdh gun deach gealltanas a thoirt seachad ann an 2008 gum biodh leasachaidhean deiseil ann an 2012.

Bha an caibineat air coinneachadh ann an Inbhir Nis, agus tha an luchd-iomairt a' cumail a-mach gun tug am Prìomh Mhinistear a bh' ann aig an àm, Ailig Salmond, gealltanas seachad an uairsin.

Thuirt riochdaire bho Bhuidheann Bathair na Rèile ann an Alba, Dàibhidh Spaven, gu robh leasachadh na rèile air a dhol fada air dheireadh air a bhith a' leasachadh an A9.

Thuirt Còmhdhail Alba gun toir an obair leasachaidh piseach air ceanglaichean eadar ceann a tuath is meadhan na h-Alba, is gun cuir e ri fàs eaconomach air feadh na dùthcha.