Comhairle Mhoireibh a' coimhead air a bhith cothromachadh a' bhuidseat

Comhairle Mhoireibh Image copyright Ryan Main

Coimheadaidh Comhairle Mhoireibh an diugh air dòighean gus am buidseat aca a chothromachadh.

Feumaidh an t-ùghdarras ionadail sàbhalaidhean luach £15 millean a dhèanamh.

Tha seo air thoiseach air Riaghaltas na h-Alba a bhith a' dealbh a' bhuidseat acasan airson na bliadhna ionmhais a th' air thoiseach.

Tha bruidhinn air a bhith ann gu faodadh e bhith do-dhèanta don chomhairle buidseat a th' air a chothromachadh a chuir air dòigh.

Tha fathannan cuideachd ann gu faodadh gu bheil eagal air comhairlichean gu bheil cuid de na roghainnean cruaidhe a th' air am beulaibh ro chonnspaideach no ro mhillteach.

Tha cuid dha na gearraidhean as connspaidiche ann an seirbheisean comhairle ionadail air a bhith ann am Moireibh.

Tha an t-ùghdarras ionadail fhèin ag ràdh gu bheil suidheachadh uabhasach doirbh romhpa.