Cathraiche ùr air Caidreachas Croitearachd na h-Alba

Yvonne White Image copyright SCF

Chaidh croitear às an Eilean Sgitheanach ainmeachadh mar chathraiche ùr Caidreachas Croitearachd na h-Alba.

Tha Yvonne White, à Cinnseaborg a' gabhail thairis bho Russell Mac a' Ghobhainn.

Tha Ms White mar-thà air a bhith air bòrd stiùiridh na buidhne fad 4 bliadhna.

Nì i teirm 2 bhliadhna mar chathraiche an SCF.

Thuirt i gur e urram mòr a bh' ann dhith a bhith air a fasdadh san obair chudromach seo - sin a bhith os cionn na h-aona bhuidhne aig a bheil am prìomh amas a bhith a' strì do chroitearachd ann an Alba.

Chaidh Dòmhnall MacFhionghain à Leòdhas agus Brendan O'Hanrahan à Asainte fhasdadh mar iar-chathraichean an SCF.