Càineadh air pàirceadh an asgaidh an Inbhir Nis

Inbhir Nis Image copyright Getty Images
Image caption Dh'fhaodadh gum faigh daoine air pàirceadh airson cairteal na h-uaireach an asgaidh ann an àiteachan sònraichte, agus dùil gun toireadh sin togail do ghnothachasan ann am meadhan a' bhaile.

Chaidh Comhairle na Gàidhealtachd a chàineadh, agus aithrisean ann gu bheil iad am beachd pàirceadh an asgaidh a leudachadh ann am pàirtean de mheadhan Inbhir Nis.

Dh'fhaodadh gum faigh daoine air pàirceadh airson cairteal na h-uaireach an asgaidh ann an àiteachan sònraichte, agus dùil gun toireadh sin togail do ghnothachasan ann am meadhan a' bhaile.

Ach tha am Ball-pàrlamaid Albannach Uaineach Iain Finnie ag ràdh gu bheil cion lèirsinn air beachd sam bith gus barrachd rùm a dhèanamh do chàraichean agus gu bheil sin stèidhichte air mì-thuigse.

Thuirt e gum bu chòir prìomhachas a thoirt do bhith a' lùghdachadh truaillidh san adhair, 's gum bu chòir luchd-baidhseagail agus luchd-coise a bhrosnachadh.

Ann am brath-naidheachd, thuirt an t-ùghdarras ionadail nach eil ach molaidhean ann aig an ìre-sa ach gun tèid aithisg mhionaideach air pàirceadh an asgaidh ullachadh a thèid mu choinneamh bhall.

Agus thuirt neach-labhairt gu bheil a' chomhairle ag obair gu cruaidh le luchd com-pàirt gus daoine a bhrosnachadh dòighean còmhdhail fallain a chleachdadh agus lùghdachadh a thoirt air trafaig ann am meadhan a' bhaile.