Taighean-spadaidh a bhios a' siubhal bho àite gu àite?

Taigh-spadaidh a bhios a' siubhal bho àite gu àite
Image caption Tha taighean-spadaidh a bhios a' siubhal bho àite gu àite gan cur an sàs anns na dùthchannan Lochlannach, san Fhraing, ann an Astràilia agus ann an Sealainn Nuadh.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gum beachdaich iad gu mionaideach air seirbheis taigh-spadaidh ùir a bhios a' siubhal bho àite gu àite.

Tha iad an dòchas gum bi e na fhreagairt air na duilgheadasan a tha aig croitearan is tuathanaich anns an sgìrean iomallach a bhios a' falbh astar gu taigh-spadaidh.

Tha taighean-spadaidh a bhios a' siubhal bho àite gu àite gan cur an sàs anns na dùthchannan Lochlannach, san Fhraing, ann an Astràilia agus ann an Sealainn Nuadh.

Tha an Riaghaltas air airgead a chomharrachadh a bhios ri fhaighinn mu choinneamh obrach rannsachaidh air a leithid de sheirbheis ann an Alba.

Tha dùil gum faodadh an sgrùdadh tòiseachadh sa Mhàirt.

Rannsachadh

Thuirt neach-labhairt: "Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach 's a dh'fhaodadh goireasan spadaidh ionadail a bhith do ghnìomhachas na feòla.

"Sin an t-adhbhar gu bheil sinn a' sireadh thagraidhean mu phròiseact rannsachaidh a ni measadh air cho seasmhach 's dh'fhaodadh taighean-spadaidh a bhios a' siubhal bho àite gu àite a bhith ann an Alba."

Mar phàirt den rannsachadh, thèid sùil a thoirt air mar a tha an siostam seo ag obrachadh ann an dùthchannan eile, air na cosgaisean agus na riaghailtean a tha na lùib.

Tha Aonadh nan Tuathanach ann an Alba (NFUS) air a ràdh gu bheil dragh orra mu mar a tha taighean-spadaidh a' dol à bith air feadh na h-Alba agus gu bheil feum mòr air fuasgladh fhaighinn ann an sgìrean dùthchail.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba (SCF) cuideachd air fàilte a chur air na h-aithrisean gu bheil an riaghaltas a' coimhead air a' chuis.

Goireasan

A-rèir Stiùiriche a' Chaidreachais, Russell Mac a' Ghobhainn, tha taighean-spadaidh ionadail agus feadhainn a' bhios a' siubhal mun cuairt na bhuannachd do mhaith nam beathaichean.

"Tha sinne air a bhith a' putadh 'son taighean-spadaidh aig ìre ionadail fad ùine mhòr", thuirt e.

Ach thug e rabhadh cuideachd gu bheil duilgheadasan an cois ghoireasan a bhios a' gluasad bho àite gu àite.

Nam measg, feumaidh lighiche-sprèidh a bhith an làthair agus feumar dèiligeadh leis an sgudal a thig an cois a' phròiseis.

Ach bha Mgr Mac a' Ghobhainn fhathast gu math dòchasach mu na cothroman:

"Tha seo ag obair ann an dùthchannan eile, agus le beagan ionmhais, gabhaidh seo dèanamh ann an Alba 'son buannachd nan croitearan, nam beathaichean agus an luchd-ceannachd", thuirt e.