Dithis gam fastadh air Urras an Rubha 's Shanndabhaig

Tuath-gaoithe
Image caption Bidh an t-Urras a' sgaoileadh agus a' cur gu feum airgead bho thuath gaoithe coimhearsnachd faisg air Steòrnabhagh.

Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig ann an Leòdhas air dithis fhastadh airson taic a thoirt do bhuidhnean san sgìre pròiseactan leasachaidh thoirt air adhart.

Bidh an t-Urras a' sgaoileadh agus a' cur gu feum airgead bho thuath gaoithe coimhearsnachd faisg air Steòrnabhagh.

Thathas an dòchas gum bi an obair a nì Tony Robson agus Alasdair MacNeacail mar chuideachadh do bhuidhnean ann a bhith a' cruthachadh obraichean sa choimhearsnachd.

Tha an t-Urras ag ràdh gu bheil iad den bheachd gur e dòigh a tha seo obraichean a chruthachadh, agus gu bheil iad an dùil gum bi fèill mhòr air an sgeama.

Thuirt Stiùriche an Urrais, Dòmhnall Iain MacSuain; "Tha còrr is 30 buidheann air thighinn thugainn mar-thà anns an dà bhliadhna a chaidh seachad airson taic agus cuideachadh den t-seòrsa-sa.

"Agus tha sinn mar-thà a' faicinn toradh air a sin, tha am pròiseact seo air mo chùlaibh air crìochnachadh - uill a' chiad phàirt air crìochnadhadh agus tha pròiseactan eile cuideachd air an t-slighe.

"Tha sinne a' smaointinn gur e dòigh mhath a tha seo a' choimhearsnachd a chuideachadh gun a bhith a' mùchadh nan amasan aca fhèin air neo a bhith a' toirt a h-uile càil a tha iad a' dèanamh a-steach còmhla ri buidhinn an Rubha is Shanndabhaig", thuirt e.