Airgead ga iarraidh 'son leasachadh rathaidean

Sconnsar
Image caption Tha Mowi, air an robh Marine Harvest roimhe, le planaichean airson leasachadh a dhèanamh air tuathanas-èisg faisg air Sgonnsar.

Tha comhairle choimhearsnachd anns an Eilean Sgitheanach ag iarraidh gun cur a' chompanaidh mhòr thuathanas èisg, Mowi, airgead ri leasachadh nan rathaidean san sgìre aca.

Tha Mowi, air an robh Marine Harvest roimhe, le planaichean airson leasachadh a dhèanamh air tuathanas-èisg faisg air Sgonnsar.

Tha a' chomhairle choimhearsnachd an sin ag iarraidh gun cur a' chompanaidh airgead mu choinneamh mar a tha na carbadan mòra aca a' cleachdadh nan rathaidean.

Thuirt Mowi gum biodh iad deònach dhol an sàs ann an conaltradh mu leasachadh a' bhun-structair.