Tuilleadh ghearraidhean am Moireibh

Comhairle Mhoireibh Image copyright Ryan Main

Tha ceannardan comhairle Mhoireibh ag ràdh gu bheil fiù 's an tuilleadh ghearraidhean a dhìth airson na buidseatan aca a choileanadh, às dèidh dhaibh gearraidhean cho mòr sa rinn iad ann am bliadhnaichean a mholadh.

Dhùnadh iad dà amar-snàimh, sia leabharlannan agus na taighean beaga poblach tron sgìre air fad.

Bhiodh buaidh cuideachd air glanadh nan sràidean, agus obair sgoiltean.

A-rèir cheannardan SNP na comhairle, ged a shàbhaladh seo £10m, tha £5m eile de ghearraidhean a dhìth.

Fo na molaidhean, rachadh na h-amaran-snàimh ann an Inbhir Lòsaidh agus Baile Chè a dhùnadh.

Tha iad cuideachd am beachd na leabharlannan anns a' Bhroch, an Inbhir Cuilinn, Baile nan Dubhach, Fachabair, Inbhir Lòsaidh agus Tom an t-Sabhail a dhùnadh.

Bhiodh còrr is 100 dreuchd ann an cunnart agus thuirt an t-ùghdarras ionadail nach urrainn dhaibh gealltanas a thoirt seachd nach tèid duine a chur a-mach às an dreuchd an aghaidh an toil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo