Inimrichean "riatanach" do dh'eaconomaidh na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Coinnichidh àrd-riochdairean Chomhairle na Gàidhealtachd ri Ministear na h-Eòrpa ann an Dùn Èideann Diardaoin.

Tha iad airson innse dha cho cudromach 's a tha inimrich dha eaconomaidh na Gàidhealtachd, agus Riaghaltas Westminster air pàipear geal fhoillseachadh air na tha an dàn do phoileasaidhean inimreachais às dèidh Bhrexit.

An t-seachdain seo chaidh, thug Riaghaltas na h-Alba rabhadh seachad gun toireadh am pàipear geal buaidh mhor air an àireamh dhaoine à dùthchannan eile a tha a' fuireach san dùthaich.

Dh'innis iad gun tigeadh lùghdachadh 85% air an àireamh dhaoine a dh'fhaodadh cosnadh fhaighinn an seo.

Am measg eile, tha Riaghaltas Westminster ag ràdh gum feum daoine a tha a' tighinn gu Breatiann co-dhiù £30,000 a chosnadh.

Thuirt ceannard Roinn na Gàidhealtachd gu bheil sin gun chiall.

Dh'innis Mairead NicDhàibhidh gu bheil inimirichean air leth cudromach dhan Ghàidhealtachd.

Thuirt i leis an àireamh dhaoine a tha a' fuireach ann an sgìrean iomallach a' tuiteam agus an àireamh de luchd-turais a tha a' tighinn dhan sgìre ag èirigh, tha feum mòr air inimirichean.

Gun inimirichean, dh'innis i nach bi seirbheisean agus sluagh ann an cuid de cheàrnaidhean.