Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 Am Faoilleach 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ailig Salmond

Chaidh seann Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a chur an grèim an-diugh sa mhadainn. Tha dùil gun nochd e ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann feasgar. Dhearbh na Poilis gun robh iad air casaid a chur às leth fireannaich, aois 64, agus gun deach aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin. Chan eil fhios fhathast dè chaidh a chur às leth Mhgr Salmond, ach bha Poileas Alba air a bhith a' rannsachadh ghearainnean de shàrachadh feiseil na aghaidh. Tha Mgr Salmond air a dhol às àicheadh chasaidean sam bith gun do rinn e dad a bhris an lagh.

Jack Shepherd

Thuirt Jack Shepherd, a theich gu Georgia às dèidh bàs bhoireannaich ann an tubaist air Abhainn Thames ann an 2015, gun tòisich oidhirpean a-màireach gus a thoirt air ais dhan Rìoghachd Aonaichte. Ghèill Shepherd ri poilis ann an Tblisi, prìomh bhaile Georgia, an-dè. Chuir cùirt ann an Sasainn binn sia bliadhna sa phrìosan air Shepherd às dèidh dha teicheadh, agus iad ga dhìteadh air casaid gun do mharbh e Charlotte Brown le coire.

Airbus

Thàinig rabhadh làidir bho àrd-stiùiriche Airbus mun Rìoghachd Aonaichte a bhith a' fàgail an EU gun aonta malairt. Thuirt Tom Enders gur màithte gum bi aig a' chompanaidh ri co-dhùnaidhean a dhèanamh a bhiodh dona do Bhreatainn, far a bheil iad a' fastadh 14,000 luchd-obrach. Thuirt Mgr Enders, a bhuineas dhan Ghearmailt, gu bheil e maslach gu bheil e fhathast do-dhèante do ghnìomhachasan planaichean cinnteach a dhèanamh còrr is dà bhliadhna bhon a bhòt Breatainn airson an EU fhàgail.

Yang Heng Jun

Thuirt Sìona gu bheil iad air sgrìobhadair Astràilianach a chur an grèim air casaid brathadh le eucoir. Na bu tràithe bha iad air a dhol às àicheadh gun robh fiosrachadh sam bith aca mu dè bh' air tachairt do Yang Heng Jun. Tha Mgr Yang, aig a bheil saorannachd Astràilianach agus Sìonach, air Riaghaltas Shìona a chàineadh ron seo. Tha Astràilia ag iarraidh air Beijing cothrom a thoirt do Mhgr Yang bruidhinn ris na riochdairean consalachd aca.

Leas-Phròbhost Obar Dheathain

Chaidh casaid ionnsaigh feise a chur às leth Leas-Phròbhoist Chomhairle Obar Dheathain, Ailean Donnelly. Tha seo a' leantainn air tachartas aig Talla na Trìonaid air Sràid Holborn anns a' bhaile anns an t-Samhain an-uiridh. Thuirt na Poilis gun deach casaid a chur às leth fireannaich aois 64, agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.