An Dr Àdhamh MacBhatair, 1930-2019

An Dr Àdhamh MacBhatair Image copyright Iain Cameron

Tha an Dr Àdhamh MacBhatair, eag-eòlaiche agus sgoilear Gàidhlig air an robh am far-ainm "Fear a' Mhonaidh Ruaidh", air bàsachadh aig aois 89.

Rinn e sgrùdadh agus sgrìobh e gu farsainn air lusan agus fiadh-bheatha a' Mhonaidh Ruaidh.

Dh'ionnsaich e Gàidhlig, agus chruinnich e mòran de dh'ainmean-àite na sgìre.

Ann an 2012 fhuair e Duais Sàr-Mhaitheis ann an Cultar Beinne aig Fèis Bheanntan a' Ghearasdain, mar aithneachadh air a chuid obrach.

Thuirt a charaid Iain Camshron, a tha na shreapadair agus na eòlaiche air sneachda ann am beanntan na h-Alba, gun do dh'eug an Dr MacBhatair gu sìtheil Diciadain an dèidh dha a bhith tinn greis.

Thuirt e gur e "duine gun samhail a bh' ann, gach cuid dha theaghlach agus dha saidheans Albannach," 's gum bi ionndrainn mhòr air.

Bha aithne aig mòran ann an coimhearsnachd coiseachd nam beann an Alba air an Dr MacBhatair, a bha a' fuireach ann an Siorrachd Obar Dheathain.