Bholcàno Sgitheanach agus blàthachadh na Cruinne

Drochaid an Eilein

Dh'fhaodadh gun robh bholcàno a rinn spreadhadh san Eilean Sgitheanach mar adhbhar dha atharrachadh mhòr air sìde na Cruinne, a rèir fhiosrachaidh ùir a nochd bho eòlaichean.

Rinn luchd-rannsachaidh à Alba, an t-Suain agus Sasainn ceangal eadar an spreadhadh agus àrdachadh ann am blàthachadh na Cruinne.

Dh'èirich ìre teas na Cruinne mu ochd puingean Celsius bho chionn mu 56,000,000 bliadhna, ann an rud ris an canar an Paleocene-Eocene Thermal Maximum.

A rèir phàipeir san iris Scientific Reports, tha creagan a lorgadh cho fada ri 30 cileameatair bho chèile anns na h-eileanan uile a' tighinn bho spreadhadh aon bheinne ann am Beanntan Dearga an Eilein Sgitheanaich, a bha cho mòr ri Krakatoa ann an 1883.

Thathas den bheachd gur dòcha gur e sin a dh'adhbharaich an t-àrdachadh ann an teas.

B' e seo a' chiad uair a chaidh spreadhadh cho mòr ri seo a dhearbhadh ann an Alba.