Gealltanas ga shireadh mu ghluasad obraichean

Bàt-aiseig

Tha Comhairle nan Eilean Siar air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba agus CalMac gluasad air adhart le obraichean stiùiridh a ghluasad dha na h-eileanan.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad a' sireadh ghealltannasan mun chùis.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith ag iomairt bho chionn ùine gum bu chòir cuid de dhreuchdan stiùiridh ann am buidhnean leithid CalMac a ghluasad dha na h-Eileanan an Iar.

Thuirt iad gu bheil iad air am misneachadh le aithrisean an t-seachdain seo gu bheil a' bhuidheann Àrainneachd Eachdraidheil Alba a' beachdachadh air na prìomh oifisean aca a ghluasad bho Dhùn Èideann gu Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis.

Thuirt cathraiche Còmhdail is Bun-Structair Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gur dòcha gur e modal a bhiodh ann do bhuidhnean eile.

Thuirt e gu bheil e den bheachd gu bheil iomairt na Comhairle a' dèanamh adhartais, is gu bheil iad a-nise a' sireadh gealltanais bho Riaghaltas na h-Alba agus CalMac gu bheil iad gus gluasad air a' cheist seo.

Thuirt Mgr Robasdan gun tog e an gnothach às ùr aig an ath-choinneimh de Bhuidhinn Ro-innleachdail nan Eilean.