Bun-reachd Užupis ga chur sa Ghàidhlig

Geata Poblachd Užupis Image copyright Leonard Saw
Image caption Tha ainm Užupis a' ciallachadh "Taobh Thall na h-Aibhne" ann an Lituànais.

Chaidh bun-reachd poblachd Užupis - ann am meadhan prìomh bhaile Lituàinia - eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig.

Ghairm an sgìre, a tha mu aon chilemeatair ceàrnagach, iad fhèin mar phoblachd ann an 1997, mar àite do chultar is luchd-ealain.

Tha ceann-suidhe, riaghaltas, agus fiù 's nèibhidh bheag aca - ach chan eil i air a h-aithneachadh gu h-oifigeil mar stàit.

Faodar leann a tharraing an asgaidh bho srùp anns a' phrìomh cheàrnaig.

Oidhche Bhurns

Chaidh bun-reachd na poblachd eadar-theangachadh gu iomadach cànan, agus 's i a' Ghàidhlig an tè as ùire dhiubh.

Chuir Seòmraichean Malairt Bhreatainn an t-eadar-theangachadh air dòigh tron chompanaidh Today Translations.

Image copyright Hemis / Alamy Stock Photo
Image caption 'S e suaicheantas Užupis, làmh le toll innte - nach eil comasach air brìbean a ghabhail.

Thèid dreach Gàidhlig na bun-reachd fhoillseachadh oidhche Haoine, airson Oidhche Bhurns.

"Nuair a thòisich e, 's e fealla-dhà a bh' ann," thuirt an Dtr Uilleam Lamb, à Oilthigh Dhùn Èideann, a tha gus am bun-reachd a leughadh os àird aig a' chuirm fhosglaidh.

"Ach dh'fhàs e mar bhall-sneachda, 's a-nis tha iad a' toirt beagan de dh'urram, tha mi a' smaointinn, don àite mar rudeigin fa leth.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad ag iarraidh feallsanachd na poblachd a sgaoileadh, agus sin as coireach gu bheil iad ga eadar-theangachadh gu diofar chànanan.

"'S e bun-reachd uabhasach adhartach a th' ann, a' coimhead air rudan leithid chòraichean daonna coitcheann.

"A-niste tha iad air plag meadailte a chur suas, 's thèid sin a chur fa chomhair a' phobaill oidhche Haoine.

"Tha 's dòcha 20 dhiubh ann a-niste - san Laideann, ann am Fraingis - dìreach diofar chànanan," thuirt e.

Dè dìreach an teachdaireachd a tha am bun-reachd a' cur an cèill ma-tha?

Seo am bun-reachd anns a' Ghàidhlig.

Còrdadh Bun-reachd Užupis:

1. Tha còir aig a h-uile duine a bhith a' fuireach ri taobh Abhainn Vilnele agus tha còir aig an Abhainn Vilnele sruthadh seachad air a h-uile duine.

2. Tha còir aig a h-uile duine ri uisge teth, teas anns a' gheamhradh agus mullach le taidhlean.

3. Tha còir aig a h-uile duine bàs fhaighinn, ach chan eil seo mar dhleastanas.

4. Tha còir aig a h-uile duine mearachdan a dhèanamh.

5. Tha còir aig a h-uile duine a bhith fa-leth.

6. Tha còir aig a h-uile duine a bhith ann an gaol.

7. Tha còir aig a h-uile duine gun cuidiegin a bhith ann an gaol riutha, ach chan fheumar seo a dhèanamh.

8. Tha còir aig a h-uile duine a bhith neo-chomharraichte agus neò-aithnichte.

9. Tha còir aig a h-uile duine a bhith dìomhaineach.

10. Tha còir aig a h-uile duine gaol a bhith aca agus cùram a ghabhail dhen chat.

11. Tha còir aig a h-uile duine coimhead às dèidh a' choin gus am bàsaich fear aca.

Image copyright Getty Images

12. Tha còir aig cù a bhith na chù.

13. Chan eil e mar fhiachaibh air cat a bhith gaolach ris an neach leis a bheil e, ach feumaidh e cuideachadh ann an èiginn.

14. Uaireanan tha còir aig a h-uile duine gun a fhios a bhith aca air an dleastanasan.

15. Tha còir aig a h-uile duine a bhith teagmhach, ach chan e dleastanas a tha seo.

16. Tha còir aig a h-uile duine a bhith toilichte.

17. Tha còir aig a h-uile duine a bhith mì-thoilichte.

18. Tha còir aig a h-uile duine a bhith sàmhach.

19. Tha còir aig a h-uile duine creideas a bhith aca.

20. Chan eil còir aig duine sam bith a bhith ri làmhachas-làidir.

21. Tha còir aig a h-uile duine aithne a bhith aca air cho beag seagh 's a tha iad.

22. Chan eil còir aig duine sam bith air bith-bhuantachd.

23. Tha còir aig a h-uile duine tuigsinn.

24. Tha còir aig a h-uile duine gun dad a thuigsinn.

25. Tha còir aig a h-uile duine nàiseantachd sam bith a bhith aca.

26. Tha còir aig a h-uile duine a bhith no gun a bhith a' comharrachadh an co-là-breith.

27. Cuimhnichidh a h-uile duine an ainm.

28. Faodaidh duine sam bith na tha leotha a roinn.

29. Chan fhaod duine sam bith rud nach eil leotha a roinn.

30. Tha còir aig a h-uile duine bràithrean, peathraichean agus pàrantan a bhith aca.

31. Faodaidh a h-uile duine a bhith neo-eisimeileach.

32. Tha a h-uile duine an urra ri an saorsa fhèin.

33. Tha còir aig a h-uile duine a bhith a' rànaich

34. Tha còir aig a h-uile duine gun a bhith air an tuigsinn.

35. Chan eil còir aig duine sam bith toirt air duine eile faireachdainn ciontach.

36. Tha còir aig a h-uile duine a bhith nan daine neo-eisimeileach.

37. Tha còir aig a h-uile duine gun còraichean a bhith aca.

38. Tha còir aig a h-uile duine gun an t-eagal a bhith orra.

39. Na dèan cron.

40. Na sabaidich air ais.

41. Na gèill.

Bidh cuid a' cumail a-mach gur e suaicheantasan a tha anns na trì mu dheireadh agus nach e còraichean.

Chaidh a sgrìobhadh anns an Iuchar 1998 le Tòmas Chepaitis (Ministear nan Cùisean Cèin aig Uzhupis) agus Romas Lileikis (Ceann-suidhe Užupis).