Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 Am Faoilleach 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Cha chanadh an Seansalair, Philip Hammond, nach leigeadh e dheth a dhreuchd nam fàgadh Breatainn an EU gun aonta malairt. Dh'innis e dhan BhBC gun adhbharaicheadh Brexit droch bhriseadh eaconomach dhan dùthaich, agus gur e an aon shlighe chiallach a bhith a' fàgail le aonta. A' bruidhinn aig Fòram Eaconomach na Cruinne ann an Davos, thuirt Mgr Hammond gur ma dh'fhaoidte gum biodh an EU deònach gèilleadh gu ìre air cuid de na loidhnichean dearga aig Theresa May. Ach chaidh ministear ionmhais na Frainge, Bruno Le Maire, às àicheadh gu bheil rùm aca airson gluasaid, gu h-àraid a thaobh rudan mar an Cùl-Stad airson a bhith a' seachnadh crìoch chruaidh ann an Èirinn.

Pàigheadh Thidsearan

Tha còmhraidhean a' gabhail àite an-diugh mu bhith a' toirt tairgse pàighidh nas fheàrr do thidsearan na h-Alba. Nì ceannardan ùghdarrasan ionadail na dùthcha co-dhùnadh air an gabh iad ri plana a bhiodh a' ciallachadh àrdachaidh thuarastail de cho-dhiù 9% do thidsearan ron Ghiblean am-bliadhna, le àrdachadh eile de 3% anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna.

Jack Shepherd

Tha Breatannach a chaidh a dhiteadh air casaid gun do mharbh e boireannach le coire, air nochdadh anns a' chùirt ann an Georgia. Tha oidhirp ga dèanamh gus Jack Shepherd, a theich a-null thairis mus deach a dhìteadh, a thoirt air ais dhan Rìoghachd Aonaichte. Ghèill Shepherd ri poilis ann an Tblisi na bu tràithe air an t-seachdain. Chaidh binn sia bliadhna sa phrìosan a chur air nuair a cho-dhùin diùraidh gur e a bu choireach airson bàs Charlotte Brown, aois 24, a chaidh a mharbhadh ann an tubaist bhàta air Abhainn Thames.

Port Rìgh

Tha dùil gun tòisich obair as t-Earrach air dà leasachadh mòr ùr a chruthaicheas àiteachan fuirich do luchd-turais ann am Port Rìgh. Am measg nam planaichean tha taigh-òsta le deich leapannan ann am meadhan a' bhaile, agus airson aitreabh turasachd, le còrr is 30 poda-campachaidh air iomall a' bhaile. Thuirt an luchd-gnothachais a th' air cùl nan leasachaidhean gu bheil iad an dòchas gum bi an taigh-òsta deiseil ro dheireadh na bliadhna seo, agus gum fosgail an aitreabh ro dheireadh 2020.

Oilthigh Obar Dheathain

Agus dh'fhoillsich Oilthigh Obar Dheathain planaichean airson leudachadh luach £100m a dhèanamh air an àrainn Ear-Mheadhanaich aca ann an Qatar. Bidh cùrsaichean saidheans, teicneòlais, einnsinnìreachd, matamataig, lagh agus poileataigs am measg na bhios gan tabhainn aig an leasachadh ann an al-Dayaan. Dh'fhosgail an oilthigh a' chiad champas aca ann an Qatar o chionn dà bhliadhna.