Leasachaidhean turasachd am Port Rìgh

Port Rìgh Image copyright Getty Images

Tha dùil gun tòisich obair as t-Earrach air dà leasachadh mòr de dh'àiteachan-fuirich do luchd-turais ann am Port Rìgh.

Am measg nam planaichean tha taigh-òsta, le 10 leapanan, gu bhith ann am meadhan a' bhaile agus bidh làrach eile ann, le còrr is 30 podaichean-campachaidh, air iomall a' bhaile.

'S ann le Mohammad Ali, à Inbhir Lòsaidh, a tha Talla Cuimhneachaidh MhicIlleDhuibh, far a bheil an taigh-òsta gu bhith.

Tha grunn thaighean-òsta agus dachaighean-cùraim cuideachd aig Mgr Ali air feadh na dùthcha.

Tha làn-dùil aige gur e taigh-òsta 'boutique' a bhios ann am Port Rìgh.

Dara làrach

Tha an dara làrach air cead-planaidh fhaighinn mar thà, a tha a' dol a-mach Rathad an t-Sruthain, air iomall Phort Rìgh.

An seo, bi 32 phoda-campachaidh.

Bidh còig dhiubh sin airson luchd-obrach agus an còrr airson luchd-turais.

Bidh togallach stèidhichte anns a' mheadhan anns am bi ionad-fàilte, sauna, taigh-bidh agus bàr, am measg eile.

Thuirt Teàrlach Garton-Jones, a th' air cùl a' phròiseict, gu bheil an stoidhle seo gu math cumanta ann an dùthchanan an leithid Thailand agus an Carribean.

''Bidh na podaichean-campachaidh gu tur fa leth bhon phrìomh thogalach.

''Tha seo a' fàgail gum bi an luchd-turais pìos beag air falbh agus gu bheil prìobhaideachd aca,'' thuirt e.

Thathas airson 's gum bi pàirc-chàraichean pìos air falbh bhon àite fhèin cuideachd.

Bidh aig daoine, mar sin, ri coiseach suas leathad beag gus faighinn dhan àite-fuirich.

Eich-obrach

Leis gum bi pìos aig an luchd-turais ri choiseach, tha Mgr Garton-Jones air innse gun coinnich eich riutha airson an cuideachadh le an cuid bhagannan.

''Tha pònaidhean à Sealtainn gu math tradaiseanta agus bhathas gan cleachdadh airson rudan a ghiùlain.

''Tha dragh air a bhith air duine neo dithis gum biodh sinn a' cur cus uallaich air na pònaidhean, ach cho fad 's a bhios daoine a' toirt bìdh dhaibh, bidh iad toilichte gu leòr,'' thuirt e.

Tha an an luchd-gnìomhachais a th' air cùl nan leasachaidhean an dòchas gum bidh taigh-òsta ann am meadhan Phort Rìgh deiseil ro dheireadh 2019.

Thuirt iad gu bheil iad ag amas air crìoch a chur air làrach nam podaichean-campachaidh ro dheireadh 2020.