Cobhair ga dhèanamh air sreapadair air a' Mhonadh Ruadh

Ben Macdui Image copyright Richard Webb/Geograph
Image caption Chaidh cobhair a dhèanamh air an duine faisg air Beinn MacDuibh

Chaidh sreapadair a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis às dèidh mar a chaidh cobhair a dhèanamh air Là na Sàbaid anns na beanntan eadar an Càrn Gorm is Beinn MacDuibh.

Bha grunn sgiobaidhean teasairginn an lùib na h-iomairt is iad ag ràdh gun robh cùisean dùbhlanach dha-rìribh air a' bheinn.

Chaidh brath èiginn a-mach mu 14:20 Là na Sàbaid gun robh sreapadair air a ghoirteachadh air a' mhonadh eadar an Càrn Gorm is Beinn Mac Duibh.

Chaidh Sgioba Teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh, agus sgiobaidhean à Bràigh Mhàrr is Obar Dheathain, còmhla ri luchd-teasairginn à Loidse a' Ghlinne Mhòir agus Poileas Alba, uile an sàs.

Bha taic aca bho heileacoptair nam maor-cladaich cuideachd.

Iomairt dhuilich

Thuirt luchd-teasairginn le sneachd agus gaoth mhòr ann, is i puinnseanta fuar agus dorcha, gur e iomairt fhada, dhuilich a bha aca.

Dh'innis iad aig 21:44 Là na Sàbaid gun deach an duine a thoirt le heileacoptair a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir.

Tha e coltach gun robh an duine air a dhruim is a chas a ghoirteachadh, ach nach eil e ann an cunnart a bheatha.