Comhairlean eileanach ag iarraidh bàta bathair air màl

An Clipper Ranger Image copyright Seatruck Ferries
Image caption Bha an Clipper Ranger roimhe air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul

Tha Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Shealtainn airson bàta bathair a ghabhail air màl bho Riaghaltas na h-Alba.

Bhiodh Comhairle nan Eilean Siar an dòchas an Clipper Ranger a chur gu feum aig na h-amanan as trainge as t-sàmhradh, agus bhiodh Comhairle Shealtainn airson feum a chur air a' bhàta bathair as t-fhoghar agus tron gheamhradh airson iasg is maorach a ghiùlain gu tìr-mòr.

Thathas an dòchas gun urrainn dhaibh còmhla dearbhadh gum b' urrainn an soitheach a chur gu feum air feadh na bliadhna, airson uallach a thoirt far nan seirbheisean aiseig aca.

A-rèir Chathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, tha e cudromach gun seall iad gun tèid am bàta a chleachdadh fad na bliadhna.

''Dh' fheuch sinn roimhe ris an Clipper Ranger fhaighinn airson suas ri 's dòcha trì mìosan as t-sàmhradh, agus thuirt an riaghaltas rinn nach biodh iad deònach sin a dhèanamh.

''Bha iad airson 's gun dèadh feum a dhèanamh dhan Clipper Ranger fad na bliadna a thaobh nan cosgaisean a bh' ann.

''Às dèidh bruidhinn ri muinntir Shealtainn, thuirt iadsan gun robh iad deònach thighinn a-staigh còmhla rinn airson a dhèanamh cinnteach gum biodh feum oirre fad na bliadhna.

''Sgrìobh sinn an uairsin gu Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, agus tha Comhairle Shealtainn air an aon rud a dhèanamh, agus sinn a' sireadh coinneimh leis a' mhinistear far am biodh sinn uile cruinn còmhla.

Duilgheadasan mòra

Dh' innis Maghishtir Robasdan gun tuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe nan dèidh feum a chur air an Clipper Ranger fad na bliadhna gum biodh iad taiceil dhan an sin.

''Tha fhios againn uile mu na duilgheadasan a tha romhainn am bliadhna, le mì-chinnt mun a' chlàr-ama a tha gu bhith ann airson na h-aiseigean ùra.

''Mar sin tha duilgheadasan mòra gu bhith romhainn am-bliadhna mur a dèan sinn ruideigin mu dheidhinn,'' thuirt e.