''Cha chaill luchd-cleachdaidh Hebrides Energy an dealain aca''

Meatar Dealain

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach bi duine a bha le cùmhnant leis a' chompanaidh chumhachd Hebrides Energy a' call an dealain aca, ged a chaidh a' chompanaidh eile a bha a' cumail an dealain riutha fodha.

Bha Our Power ag obair ann an co-bhonn ri Hebrides Energy, a tha na iomairt gus bochdainn connaidh anns na h-eileanan a lughdachadh, le dealan a chumail ri daoine aig prìs nas saora.

Ach, coltach ri grunn chompanaidhean beaga eile, cha b' urrainn dhaibh cumail a' dol leis mar a tha prìsean connaidh ag èirigh.

Tha còir aig an riaghladair Ofgem daoine a ghluasad gu companaidh cumhachd ùr ann an leithid a shuidheachadh, gun iad a' call an dealain.

Dragh

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Eaconamach na Comhairle, Calum Iain MacÌomhair, nach bu chòir do dhaoine dragh a' ghabhail mun seo.

'''S e briseadh dùil a tha seo, ach cha bhi buaidh aige luchd-cleachdaidh Our Power.

''Rud a thachras anns an t-suidheachadh seo, tha an ''safety net'' Ofgem a' tighinn ann am bith.

''Tha sin a' dèanamh cinnteach gu bheil an dealain tearainteachd dhan a h-uile taigh 's nach chaill daoine an dealain,'' thuirt e.

Thuirt Maighstir MacÌomhair ma bhios creideas sam bith aig duine leis a' chompanaidh gu bheil sin air a dhìon cuideachd.

''Cuiridh Ofgem companaidh eadar-dhealaichte air bhonn gus cùmhachd an dealain a chur dhan h-uile taigh.

''Tachraidh sin anns na làithean a tha romhainn,'' thuirt e.