Duilgheadasan dialysis

Dialysis ga dhèanamh Image copyright Getty Images

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil duilgheadas ann ris am feumar dèiligeadh mus tèid innealan dialysis a stèidheachdadh ann an sgìre an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse.

Tha ceistean gan togail aig euslainteach san sgìre air a bheil tinneas nan dubhagan, a tha an-dràsta a' siubhal trì tursan san t-seachdain a dh'Inbhir Nis.

Bidh inneal dialysis a' cur fala euslaintich tro shilteachan gus a ghlanadh - an obair a bu chòir na dubhagan a bhith a' dèanamh nam biodh iad ag obair ceart.

"Thèid ar togail mu 11:00m, 's air ais mu 9:00f," thuirt Ricky MacCarmaig, a bhios a' siubhal a dh'Inbhir Nis airson an dialysis fhaighinn.

Là Slàn

"Cha dèan mi ach an teine a chur thuige 's thèid mi a chadal.

"Chan eil air fhàgail annam ach sin," thuirt e.

"Ma tha thu meadhanach 's tu a' siubhal cuideachd, tha sin ga dhèanamh nas miosa," thuirt Brenda Hamilton, a bhios a' siubhal cuideachd.

"'S tha clionaigean eile air am feum thu tadhal, so uaireannan 's dòcha gum feum thu a dhol ann Dimàirt cuideachd.

"'S e pàirt mòr de do bheatha a th' ann.

"Nam b' urrainn dhuinn dìreach a dhol dhan Ath Leathann, bhiomaid leth-uair de thìde air falbh. Dh'fhaodamaid ar dràibheadh fhèin ann.

"Leth là, seach an là slàn. Chan fhaigh sinn dhachaigh gu mu 9:00f uaireannan," thuirt i.

Ionad Saideil

Tha feadhainn san sgìre a' coiteachadh NHS na Gàidhealtachd airson goireasan a stèidheachadh san Ath Leathann, gus nach biodh aca ri siubhal cho tric.

"'S e fuasgladh a' ghnothaich ach ionad beag "saideil" dialysis san Ath Leathann, no dh'fhaodadh e cuideachd a bhith ann an ionad-dotair sam bith," thuirt Dòmhnall Mac an Tòisich, a tha ag iomairt airson an goireas fhaighinn.

"Tha ionad nan dubhagan air a bhith gu math taiceil, tha iad deònach cuideachadh agus uidheamachd a chur chun an ionaid shaideil.

"Is coltach an-dràsta gur e dìreach an t-ospadal ionadail nach eil a' dèanamh co-dhùnaidh.

"'S dòcha gur e an t-ospadal ùr a thèid a thogail, ach bidh sinn an dòchas gum faigh sinn rudeigin ron uairsin," thuirt e.

Chuir am BBC fios air NHS na Gàidhealtachd, agus thuirt iadsan gu bheil adhartas mòr ga dhèanamh, ach gu bheil cnapan-starra ann a thaobh luchd-obrach, trèanaidh agus maoineachaidh.

Tha BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, misneachail gun tig fuasgladh ann an ùine gun a bhith ro fhada.

"Tha a-niste, air sgàth 's gun do sgrìobh mi chun a' Bhùird Shlàinte, agus thuirt iad rium ann an litir gun robh iad an-dràsta a' feuchainn ri inneal renal a stèidheachadh anns an Eilean Sgitheanach," thuirt i.

"Bha ruideigin aca, ach cha robh daoine ann a bha feumach air.

"Ach dà bhliadhna air ais thòisich còignear a' siubhal a dh'Inbhir Nis airson an ionaid seo, agus a-niste tha mi an dòchas gum bi cothrom ann sin a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach fhèin," thuirt i.