Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

28 Am Faoilleach 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thàinig teachdaireachd às ùr à Èirinn gu feum an t-aonta a rinn riaghaltas Bhreatainn agus an t-Aonadh Eòrpach seasamh airson crìoch chruaidh a sheachnadh ann an Èirinn. Am measg mholaidhean air am bi Taigh nan Cumantan a' bhòtadh a-màireach, tha dùil gum bi fear bhon Tòraidheach, Sir Graham Brady, ag iarraidh rudeigin eile a chur an àite cùl-stad. Ach thuirt cathraiche comataidh Bhrexit ann an Seanadh Poblachd na h-Èireann, Neale Richmond, gum feumaist an cùl-stad airson aonta sìth na h-Èireann a ghlèidheadh.

Eucoir sgeine

Chaidh eucoir sgeinean air an rèile an-àirde a thrì uidhir ann an ceithir bliadhna, a rèir àireamhan a fhuair am BBC bho Phoileas Còmhdhail Bhreatainn. Thuirt na poilis gu bheil iad a' faighinn barrachd sgeinean air trèanaichean air sgàth 's gu bheil buidhnean eucoireach a-nis a' cleachdadh na rèile airson drogaichean aiseag eadar bailtean mòra agus bailtean beaga.

Openreach

Bheir a' chompanaidh bann-leathainn Openreach air na ceudan airson an trèanadh nan einnseinìdhrean gus an lìonra fìobair aca a leudachadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Bidh iad ag obair ann an grunn sgìrean an Alba, ach togaidh iad lìonra fìobair gu tur ann an sgìre Ghlaschu. A rèir cuid, cuiridh an t-eadar-lìon fìor luath gluasadach 5G às do bhann-leathann san dachaigh, ach tha Openreach ag ràdh gun bi feum air an dà chuid.

Tramadol

Chaidh boireannach Breatannach a bh'anns a' phrìosan airson drogaichean anns an Èiphit a shaoradh. Bha Laura Plummer à Hull air trì bliadhna prìosain fhaighinn nuair a chaidh na ceudan phileachan pèin fhaighinn na màileid. Tha i a' cumail a-mach gur ann dha a leannan a bha iad, agus nach robh fhios aice gun robh Tramadol mì-laghail anns an Èiphit.

Bàta-bathair eileanach

Dh'fhaodadh gun tèid an aon soitheach-bathair a chleachdadh airson stuth a ghiùlan dha na h-Eileanan Siar agus a Shealtainn. Tha an dà chomhairle eileanach ag iarraidh taic Riaghaltas na h-Alba airson an "Clipper Ranger" a ghabhail air màl. Tha iad ag ràdh gun gabhadh i cleachdadh anns na h-Eileanan Siar aig amanan trang an t-samhraidh, agus an Sealtainn aig amanan eile na bliadhna.

Dialysis

Dh' fhaodadh greis a bhith ann mus fhaigh an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse inneal dialysis. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil duilgheadasan aca ri rèiteach mus gabh a chur an-sàs. Tha an-dràsta aig euslaintich às an sgìre ri siùbhal a dh' Inbhir Nis airson dialysis.

Reamhrachd

Thàinig eòlaichean à 14 dùthaich còmhla a dh'iarraidh gun deadh rudeigin radaigeach a dhèanamh mun bhuaidh a th'aig gnìomhachas a' bhìdhe. Thuirt Coimisean Lancet air Reamhreachd gur e droch bhiadh an rud as motha a tha ag adhbharachadh dìth slàinte agus bàs air feadh an t-saoghail.

Càraichean gun iuchair

Tha mòran de chàraichean gun iuchair a thathas a-nis a reic ann am Breatainn uabhasach furasta an goid, a-rèir eòlaichean. Rinn iad rannsachadh air còrr 's 200 càr gun iuchair, 's fhuair iad gun gabhadh toirt a chreids air a' chuid mhòr aca gun robh iuchair faisg gu leòr airson an cur a dhol. Nam measg bha Fiesta, Focus, Golf agus Qashqai.