Tha rabhadh ga thoirt mun droch shìde a th'air fàire

Càraichean san t-sneachda
Image caption Thathar a' moladh do dhràibhearan a bhith faiceallach.

Tha Oifis na Sìde ag ràdh gum faod ceithir òirlich de shneachda laighe ann an cuid de dh'àiteachan.

Tha iad a' toirt rabhadh do dhaoine a bhith air am faiceall air na rathaidean, gu h-àraid nuair a ruigeas bann shneachda agus deigh Alba Dimàirt.

Tha iad air rabhadh buidhe a sgaoileadh airson mòran sgìrean eadar 01:00 agus 12:00.

'S iad a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan Siar, Meadhan na h-Alba, Lodainn, Fìobha, Sràth Chluaidh agus na Crìochan as motha air an toir an aimsir buaidh.

Dh'fhaodadh gun laigh suas ri ceithir òirlich de shneachda air talamh àrd.

Tha Oifis na Sìde ag ràdh gu bheil cunnart ann gum bi còmhdhail nas duilghe air sgàth an t-sneachda, air an rathad agus air seirbheisean rèile agus bus.

Tha iad a' comhairleachadh do luchd-siubhail agus dràibhearan barrachd ùine a thoirt dhaibh pèin airson faighinn a dh'àite.