Fuasgladh air ceist cò bh' ann an ciste chinn-fheadhna?

A' Bhean-uasal Sue Black Image copyright Wardlaw Mausoleum Trust
Image caption Bha a' Bhean-uasal an t-Oll. Sue Black os cionn an rannsachaidh foireansaig air an duslach.

Tha eòlaichean nas fhaisge air fios a bhith aca cò a chaidh thìodhlacadh gun cheann ann an ciste agus beachd aca uair gur e duslach dhuine-uasal Ghàidhealaich.

Bha ceist ann an e corp Shìm Fhriseil an 11mh Morair Lòbhat, air an robh am far-ainm sa Bheurla, The Old Fox, a bh' anns a' chiste aig Taigh-adhlacaidh Wardlaw ann an Cnoc Mhoire faisg air Inbhir Nis.

Ach tha rannsachadh foireansaig air sealltainn gur e corp boireannaich a bha a' laighe innte.

A-nis, tha sgrùdadh a bharrachd air nochdadh gum faodadh gur ann bho sgìre bheartach de Lunnainn a bha i.

Chaidh An Seann Shionnach a chur gu bàs ann an 1747 air sgàth agus gu robh e a' cur taic ris a' Phrìonnsa Teàrlach.

Image copyright Wardlaw Mausoleum Trust
Image caption A' chiste luaidhe ri taobh ciste ùir a rinneadh airson nan cnàmhan.

Boireannach beartach

Dh'òrdaich an riaghaltas gun deigheadh corp a' chinn-chinnidh a thìodhlacadh aig Tùr Lunnainn.

A-rèir beul-aithris, chaidh an corp aige, as aonais a chinn, a thoirt air ais ann an dìomhaireachd do dh'Alba far an deach a chur ann an taigh-adhlacaidh a theaghlaich.

Bha a' Bhean-uasal an t-Ollamh Sue Black os cionn sgioba de luchd-saidheans a rinn rannsachadh foireansaig air a' chnàimhneach ann an 2017.

An-uiridh, thuirt iad gun tàinig a' chuid mhòr de na cnàmhan bho bhoireannach eadar 25 agus 35 bliadhna de dh'aois. Cha robh fianais ann gur e An Seann Shionnach a bh' ann.

Bha iad airson barrachd fhaighinn a-mach mun bhoireannach agus, mar sin, chuir iad air falbh an cliathan aice feuch am faighte DNA às.

Tha seo air a bhith duilich air sgàth staid thruagh a' chnàmha; fhuair sgrùdadh cheimigeach ge-tà dè seòrsa bìdh a bha am boireannach ag ithe sa chumantas agus dè an inbhe shòisealta a bh' aice.

Fhuair na h-eòlaichean gum biodh i ag ithe rud beag feòla agus beagan èisg, annlan a bhiodh aig daoine bho sgìrean beartach san ochdamh linn deug

Image caption Am Morair Lòbhat.

Am Morair Lòbhat

Thathar ag ràdh gun robh e an ceann-feadhna, an duine mu dheireadh a chaidh dì-cheannachadh am Breatann, deònach taobhadh le gach cùis aig àm ar-a-mach nan Seumasach.

Ach aig a' bhatal mu dheireadh air Blàr Chùl Lodair sa Ghiblean 1746, bha e air taobh Theàrlaich Òig Stiùbhairt, le feachdan an riaghaltais a' faighinn làmh an uachdair.

Chaidh a chur gu bàs a' bhliadhna an dèidh sin aig Tùr Lunnainn.

Chaidh aithris gun do bhàsaich grunn dhaoine a bh' air cruinneachadh airson sin fhaicinn an dèidh dhan chroich tuiteam am broinn a chèile.

Tha e coltach gun tug seo uimhir de ghàireachdainn air a' Mhorair Lòbhat fhad 's bhathar a' toirt dheth a cheann agus gur ann às an sin a thàinig an abairt sa Bheurla "laughing your head off".

Tha an Seann Shionnach na charactair sna leabhraichean romansach Outlander aig Diana Gabaldon às am bi daoine a' siubhal eadar diofar linntean.

'S e seanair Sheumais Fhriseil fear de na pearsaichean as motha a tha a' nochdadh sna sgeulachdan.