Airgead a bharrachd mu choinneamh Bhrexit ga shireadh

Comhairle nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh airgead a bharrachd bho Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte mu choinneamh dhuilgheadasan a dh'fhaodadh a bhith an lùib Brexit.

Thathas air sgrùdadh a dhèanamh air mar a dh' fhaodadh Brexit, agus gu sònraichte Brexit gun aonta, buaidh thoirt air an sgìre.

Thog iad dragh gum biodh trioblaidean le biadh ùr fhaighinn ri linn Brexit gun aonta nas miosa anns na h-eileanan seach sgìrean eile, agus iad cho fada bho na h-ionadan bathair mòra.

Bha a' chomhairle air a bhith an-sàs ann an còmhraidhean aig Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, COSLA.

Tha eagal orra gu faodadh gainnead bìdhe is dhrugaichean a bhith ann, agus droch bhuaidh air iasgach, àiteachas is turasachd - rudan a' dhèanamh cron air eaconomaidh nan eilean.

Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach; "Chan eil teagamh sam bith gu bheil droch bhuaidh gu bhith aig Brexit air an dùthaich againn agus bidh sin a' bualadh oirnne cuideachd gu ìre.

"Ach aig an àm-sa, chan urrainn dhuinn a bhith a' dèanamh càil a bharrachd ach a bhith a' bruidhinn ri gach riaghaltas - ann an Westminster agus ann an Dùn Èideann, agus cuideachd ag obair tro ChOSLA airson feuchainn ri rud as urrainn dhuinn a dhèanamh airson sinn fhèin a dhìon cho math 's as urrainn dhuinn a dhèanamh."