Buaireadh mu sgeamaichean gaoithe

Tuath-gaoithe

Tha ceithir bailtean croitearachd ann an Leòdhas a tha airson tuathan-gaoithe coimhearsnachd a leasachadh, air iarraidh air cathraiche Urras Steòrnabhaigh a dhreuchd fhàgail.

Tha iad an dùil nach eil e freagarrach dha Tormod MacÌomhair a bhith san dreuchd agus e fhèin ag iarraidh tuath-gaoithe a thogail a bhiodh ri co-fharpais nan aghaidh airson rùm air an lìonra dealain.

Urras Steòrnabhaigh

Tha Cathraiche Urras Steòrnabhaigh, Tormod MacÌomhair, airson 6 crainn-gaoithe a thogail air iomall Bharbhais air taobh siar Leòdhais.

Tha Urras Steòrnabhaigh fhèin ag obair comhla ris a' chompanaidh eadar-nàiseanta Fhrangaich, EDF, air tuath-gaoith anns am bi 36 crainn an iar air Steòrnabhagh.

Tha na croitearan ann am Bràigh na h-Aoidhe, Mealabost, Sanndabhaig agus Aignis, bailtean air oighreachd Urras Steòrnabhaigh, ag iarraidh muilnean-gaoithe a thogail air an aon làraich ri EDF.

Tha iad ag ràdh gum bi farpais ann eadar na diofar sgeamaichean airson rùm air a' chàball mòr a tha SSE a' dol a thogail eadar na h-Eileanan agus tìr-mòr.

Dìon

Tha Mgr MacÌomhair ag ràdh gur ann a chuireas sin ris an argamaid airson 's gun cur SSE càball nas motha an sàs.

Ach tha na croitearan ag ràdh nach eil e cothromach do Mghr MacÌomhair a bhith os cionn Urras Steòrnabhaigh, agus a bhith a' cur sgeama air adhart e fhèin, agus buaidh aige air sgeamaichean coimhearsnachd a tha a' feuchainn ri àite fhaighinn air a' chàball.

Tha iad a' fàgail air gun do bhris e riaghailtean co-cheangailte ri bhith an sàs ann an diofar rudan tha a' dol an aghaidh a chèile, agus gur e an aon cheum urramach dha a dhreuchd mar chathraiche agus mar bhall de dh'Urras Steornabhaigh a leigeil dheth.

Chaidh Mgr MacÌomhair gu làidir às àicheadh chasaidean nan croitearan nach eil obair air an urras agus an leasachadh prìobhaideach aige a' freagairt air a' chèile, agus thuirt e gun do lean e riaghailtean an urrais mar bu chòir.