Trioblaidean ionmhais NHS na Gàidhealtachd

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Nochd e gu bheil dùil aig NHS na Gàidhealtachd a bhith £18m thairis air a' bhuidseat aca ro dheireadh na bliadhna ionmhais seo.

Cluinnidh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd Dimàirt gur e cosgaisean dhrugaichean, fastadh dhotairean eadar-amail, agus cùram sòisealta do dh'inbhich a tha a' fàgail suidheachadh airgid cugallach ron bhòrd.

Nochd e gu bheil dùil aig NHS na Gàidhealtachd a bhith £18m thairis air a' bhuidseat aca ro dheireadh na bliadhna ionmhais seo.

Tha iad a' cur romhpa beagan is £50m a chaomhnadh am bliadhna.

Iasadan

Thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad, thàinig air a' bhòrd slàinte dà iasad airgid fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Ann an 2014, fhuair iad iasad luach £1.5m not, agus an-uiridh, thàinig orra £15m fhaotainn bhon Riaghaltas.

Tha ceist ann a-nis am feum iad iasad eile fhaighinn bhuapa am bliadhna seo cuideachd.

"Suidheachadh dòrainneach"

Innsidh stiùiriche ionmhais na buidhne dhan bhòrd gu bheil e a' smaoineachdh gum bi iad £18m not thairis air a' buidseat aig deireadh a' Mhàirt.

Canaidh Dàibhidh Garden gur e suidheachadh dòrainneach a th' ann, ach gu faoadadh gun tèid aca air ri na leabhraichean cunntais a chothromachadh.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh bhall, innsidh e gu bheil iad air £500,000 a bharrachd a chaomhnadh bhon t-Samhain.