Rèile-beinne gu bhith dùinte airson an t-Samhraidh

Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm Image copyright Getty Images
Image caption Tha Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm air a bhith dùinte bhon Dàmhair

Bidh Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm dùinte airson an t-Samhraidh agus 's dòcha às dèidh sin is draghan ann mu shàbhailteachd.

Thàinig an naidheachd bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, leis a bheil an rèile, is innleadairean le trèanadh sònraichte air sgrùdadh a dhèanamh.

Thuirt iad nach eil am mòr-shluagh ann an cunnart an-dràsta, ach gum feum na casan concrait fon loidhne a bhith air an neartachadh.

Thuirt HIE gu bheil iad a' sgrùdadh dè an obair a bhios a dhìth agus dè a chosgas e.

Tha dùil gun toir sin grunn sheachdainean.

Chaidh an rèile a dhùnadh anns an Dàmhair.