Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Faoilleach 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Theresa May a' coinneachadh ris a' Chaibineat aice an-dràsta, air thoiseach air sreath de bhòtan ann an Taigh nan Cumantan a dh'fhaodadh buaidh mhòr a thoirt air mar a thèid Brexit a chur an sàs. Chan eil fhios fhathast dè na gluasadan a thèid a thaghadh le Labhraiche nan Cumantan, ach ma dh'fhaoidte gun tèid deasbad a dhèanamh air moladh gum bu chòir dàil a chur air Breatainn a bhith a' fàgail an EU, no air a bhith ag iarraidh air a' Phrìomhaire tilleadh dhan Bhruiseil airson feuchainn ri atharrachadh a dhèanamh air a' phlana airson cùl-stad a chur an sàs ann an Èirinn.

An Càrn Gorm

Fanaidh Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm dùinte fad an t-Samhraidh, agus ma dh'fhaoidte nas fhaide ri linn draghan mu shàbhailteachd. Thàinig an naidheachd bho bhuidhinn Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean an-diugh, às dèidh do luchd-einnsinnìridh sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air bun-structar na loidhne. Tha HIE ag ràdh gum feumar na trostain a tha a' giùlain na rèile a neartachadh, agus gu bheil iad an-dràsta a' rannsachadh dè na chosgadh sin, agus dè cho fad 's a bheireadh an obair.

ScotRail

Tha ìrean riarachaidh le seirbheisean ScotRail air tuiteam chun na h-ìre as ìsle ann an 15 bliadhna, a rèir rannsachaidh a chaidh a dhèanamh leis a' bhuidhinn Transport Focus. Tha a' bhuidheann ag ràdh gum feum ScotRail agus Network Rail piseach a thoirt air an obair aca bho là gu là, agus a bhith a' fàs nas fheàrr ann a bhith a' sgaoileadh fiosrachaidh mu thrioblaidean le loidhnichean agus seirbheisean rèile. Anns an Rìoghachd Aonaichte anns an fhàrsainneachd tha an àireamh de luchd-siubhail a tha riaraichte le seirbheisean rèile na dùthcha air tuiteam gu 79% - an ìre as ìsle airson deich bliadhna.

Binn

A rèir àireamhan oifigeil thàinig lùghdachadh 10% anns an àireimh de bhinn choimhearsnachd a thugadh seachad le cùirtean na h-Alba. Bha lùghdachadh cuideachd anns an àireimh de dhìtidhean air feadh na h-Alba, a' leantainn air mar a tha ìrean eucorra air tuiteam thairis air na deich bliadhna a dh'fhalbh. Bha fhathast còrr air cairteal den fheadhainn a fhuair binn prìosain air an cur fo ghlais airson nas lugha na trì mìosan. Tha an Riaghaltas air a bhith a' feuchainn ri binn choimhearsnachd a mholadh, an àite binn phrìosain ghoirid.

Pagastan

Chaidh ath-thagradh an aghaidh mar a chaidh Crìosdaidh ann am Pagastan a shaoradh bho bhinn bàis, a chaitheamh a-mach le prìomh chùirt na dùthcha. Bha Asia Bibi ochd bliadhna fo bhinn bàis, mus deach cur às dhan dìteadh toibheim aice anns an Damhair an-uiridh. Thuirt an t-Àrd-Bhritheamh gun robh e air faileachdainn air na h-ath-thagraichean mearachd laghail sam bith fhaighinn anns an dòigh anns an deach a saoradh. Tha dùil a-nis gum fàg a' Bh-Mhgr Bibi Pagastan, far a bheil i ann an cunnart a beatha.