Càr còmhdaichte le sneachda gun ach toll beag glan san uinneig

Càr còmhdaichte le sneachda Image copyright Police Scotland
Image caption Dh'fhoillsich Poileas Alba dealbhan dhen chàr air an do chuir iad stad air an A9 ann an Inbhir Theòrsa.

Tha na poilis a' toirt rabhadh mu na cunnartan an cois dìth ullachaidh an dèidh dhaibh stad a chur air carbad cha mhòr còmhdaichte le sneachda.

Chuir iad stad air draibhear air a' Ghàidhealtachd an dèidh dhaibh an càr aca fhaicinn còmhdaichte le sneachda gun ach toll beag san uinneig toisich às an coimheadadh iad a-mach.

Bha an dràibhear air an A9 ann an Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh madainn Dhimàirt, nuair a bha sneachda agus deigh a' toirt buaidh air mòran sgìrean de dh'Alba.

Chaidh càin a chur air an draibhear.

Tha Poileas Alba ag iarraidh air draibhearan an sneachda agus deigh a ghlanadh bho na càraichean aca mus tog iad orra.

Tha Oifis na Sìde a' toirt rabhadh gum faod droch shìde fhathast a bhith ann gu madainn Dhiciadain.