Taigh-òsta aig Port-adhair Inbhir Nis san amhairc

Port-adhair Inbhir Nis

Chaidh planaichean airson a' chiad taigh-òsta aig Port-adhair Inbhir Nis fhoillseachadh.

Bidh an Courtyard air a thogail leis a' chompanaidh, Marriot, air raon-gnìomhachais faisg air togalach a' phuirt-adhair.

Thòisich obair mu thràth sa Phòlann air na 130 seòmraichean-cadail a thèid a thoirt a dh'Alba nam pìosan agus a chur ri chèile an seo.

Bidh cuideachd bàr, taigh-bìdhe agus goireasan spòrs san taigh-òsta agus tha dùil gum fosgail e ro dheireadh na bliadhna.

Thuirt manadsair Phort-adhair Inbhir Nis, Graeme Bell, gum biodh an taigh-òsta na fhìor bhuannachd dhan phort-adhair agus dhan sgìre air fad.

"Tha Port-adhair Inbhir Nis a' sìor fhàs agus air a dhol na cheangal siubhail air leth cudromach sa cheann a tuath," thuirt e.