Rabhadh ga thoirt mu na cunnartan an cois N-Bomb

Tha aithrisean ann gu bheil cleachdadh an droga N-Bomb air a' Ghàidhealtachd a' fàs nas bitheanta.

Tha eòlaichean dhrogaichean aig NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gur e stuth cumhachdach a th'ann an N-Bomb leis an aon seòrsa buaidh air neach a ghabhas e ri LSD.

Bidh e ag atharrachadh mar a tha duine a' fiosrachadh agus a' faicinn rudan.

Dh'fhaodadh gum faic neo gun cluinn an fheadhainn a ghabhas e nithean nach eil idir ann.

Chan eil e cinnteach mar a bheir e buaidh air daoine fa-leth.

Tha e buailteach cuid a' cur tuathal agus troimh-chèile agus dh'fhaodadh e cuid fhàgail feargach agus sabaideach.

'S urrainn dha bruthadh-fala agus bualadh na cridhe àrdachadh agus tha cunnart ann gun tig cuairtean agus crith air daoine agus gum fàs iad gu math teth.

Tha NHS na Gàidhealtachd a' moladh gun a ghabhail idir ach, ma tha daoine ga chleachdadh, cha bu chòir dhaibh a bith nan aonar neo deoch làidir òl leis.

Bu chòir carbad eiridinn iarraidh sa bhad ma tha amharas ann gu bheil cuideigin air fàs tinn leis, tha iad ag ràdh.