200 dreuchd ùr an cois Ionad Saidheans Slàinte

Campus UHI
Image caption Bidh an t-ionad cùraim ùr air àrainn Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an Inbhir Nis.

Thug Comhairlichean Gàidhealach cead do dh'Ionad Saidheans Slàinte, luach £40m, ann an Inbhir Nis.

Na chois bidh ionad cùraim anns am bi 28 leabaidh, ceithir seòmraichean airson obair lannsa agus goireasan ann do dh'euslaintich a thig a-steach airson an là.

Tha an àireamh de sheann daoine air a' Ghàidhealtachd a' dol an-àirde agus tha sin a' fàgail gu bheil barrachd cuideim ga chur air seirbheisean slàinte.

Thathar an dòchas gum bi an t-ionad cùraim ùr a' toirt faochaidh do ghoireasan agus luchd-obrach ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir le bhith a' dèiligeadh ri cùisean nach eil èiginneach, an leithid obair lannsa airson glùinean agus cruachain ùra.

Thathar ag amas cuideachd air amannan feitheimh a lùghdachadh.

'S e NHS na Gàidhealtachd a tha os cionn a' phròiseict aig Àrainn Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha cuideachd an sàs ann còmhla ri Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha am bòrd slàinte an dòchas gum bi cothroman cosnaidh ann do suas ri 200 duine, agus tha dùil gum bi an goireas ùr deiseil ann an 2021.