Draghan mu ionmhas slàinte an Earra Ghàidheal

Cluinnidh coinneamh de Bhàrd Amalaichte Earra-Ghàidheal is Bhòid(IJB) Diciadain gu bheil e gu math eu-coltach gun tèid aca air na leabhraichean aca a chothromachadh.

Le deireadh na bliadhna ionmhais a' tighinn dlùth, tha dragh ann gu bheil suidheachadh ionmhais an IJB nas miosa na bha iad an dùil a bhiodh e as t-fhoghar.

Tha am bòrd an urra ri seirbheisean slàinte agus seirbheisean sòisealta ann an Earra Ghàidheal agus Bòd.

Thathar an dùil gum faodadh am bòrd a bhith air a dhol £4.4m thairis air a' bhuidseat aca 'son na bliadhna ionmhais seo.

Sàbhalaidhean

San Dàmhair bha an àireamh sin aig £4m ach tha coltas ann gu bheil an suidheachadh air a dhol am miosad bhon uairsin.

Tha seo air sàilleabh 's gun do dh'fhàilich air a' bhòrd cuid de na sàbhalaidhean a chuir iad romhpa a chur an gnìomh.

Agus dh'fhaodadh gum fàs an suidheachadh nas miosa cuideachd.

Ma dhiùltas NHS Ghlaschu is Chluaidh gabhail ris an tairgse mu dheireadh aig an IJB mun Aonta Ìre Seirbheis (SLA) eadar an dà bhuidhinnn, dh'fhaodadh sin còrr is £1m a bharrachd a chosg dhaibh.

Barrachd airgid

Bha am bòrd air stiùireadh a thoirt do luchd-obrach cosgaisean nach eil riatanach a chumail cho ìosal sa ghabhas.

Ach tha e coltach nach tug sin an ìre de shàbhalaidhean dhan bhòrd ris an robh dùil.

Bidh am bòrd a' coinneachadh Diciadain agus am measg nam molaidhean air am bi iad a' beachdachadh, tha iarrtas ann barrachd airgid iarraidh bho Chomhairle Earra Ghàidheal is Bhòid agus bhon NHS.

Agus thathar a' moladh casg a chur air cosgaisean sam bith nach eil riatanach.

Thèid sùil mhionaideach a thoirt cuideachd air cosgaisean gach roinn leis an sgioba stiùiridh gun cunbhalach gus smachd fhaighinn air cùisean