Am fosgail gàrradh Àird nan Saor a-rithist?

Àird nan Saor Image copyright Companaidh Port Àird nan Saor
Image caption Anns na '70an agus na '80an thog an gàrradh feadhainn de na clàran-ola a bu mhotha sa Chuan a Tuath, a' toirt cosnaidh do na mìltean dhaoine.

Tha coimhearsnachd Àird nan Saor làn dòchais gum fosgail garradh-ola Àird nan Saor, faisg air Inbhir Narann, a-rithist.

Thug comhairlichean na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh dhaibh airson port, agus gach goireas ceangailte ris, a stèidheachadh ann Dimàirt.

B' e ùrachadh a bha seo air cead a fhuair iad ron a seo.

Anns na '70an agus na '80an thog an gàrradh feadhainn de na clàran-ola a bu mhotha sa Chuan a Tuath, a' toirt cosnaidh do na mìltean dhaoine.

Ach dhùin an t-àite ann an 2001 agus dh'fhalbh na cosnaidhean cuideachd.

'S iomadh plana a chaidh fhoillseachadh on uairsin ge-tà airson fhosgladh rithist, ach cha tàinig e a-riamh gu buill.

Dòchas

Thuirt tè de chomhairlichean Chùil Lodair agus Àird nan Saor gu bheil a' choimhearsnachd làn mhisneachd gun tachair rudeigin an turas seo.

Dh'innis Trish Robasdan gun tàinig lùghdachadh air na planaichean a chaidh fhoillseachadh ron a seo.

Bhiodh an obair stèidhichte aig a' phort fhèin - agus iad gu sònraichte ag amas air tuathan gaoithe.

Le sin, tha a' Bh.-ph. Robasdan dhen bheachd gu faodadh gun tig na planaichean gu buill an turas seo.

Ceistean

Thuirt a' chompanaidh leis a bheil an t-àite nach robh iad airson sian a chanail mu dheidhinn nam planaichean aca aig an ìre a tha seo.

Ach le Bàgh an Eige agus Ciseorn a-nis trang, saoil am bidh Àird nan Saor?

Agus 's i a' cheist eile a th' ann, ma gheibh iad cùmhnantan obrach, a bheil obair gu leòr ann dhaibhsan agus dhan dà phort eile airson an cumail a' dol anns na bliadhnaichean a tha romhainn?