''Chan eil baile Inbhir Nis ag iarraidh cìs turasachd''

Loch Nis
Image caption Tha corr's 6m de luchd-turais a' tighinn dhan a' Ghàidhealtachd gach bliadhna

Chuir fear-cathrach Seòmar Malairt Inbhir Nis an aghaidh beachd gum biodh cìs turasachd san sgìre feumail.

Thuirt Stewart Nicol gun robh gnìomhachasan turasachd agus òstairean mar tha fo uallach, agus nach biodh cìs air luchd-turais na chuideachadh dhaibh.

Tha e air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba, a tha a' sireadh bheachdan air an leithid de chìs.

Tha a' bhuidheann a' riochdachadh 420 de ghnìomhachasan anns a' bhaile.

'Buille mhòr'

Thuirt Mgr Nicol gur e buille mhòr a bhiodh ann dhan bhaile nan rachadh a' chìs a stèidheachadh.

Dh'innis e gu bheil reiticheanean-gnìomhachais air a dhol an-àirde gu mòr o chionn ghoirid, agus gur e a bhiodh an seo ach cìs eile air luchd-gnìomhachais a' bhaile.

Thuirt e cuideachd gu bheil ceist aige carson a dh'fheumadh daoine a tha a' tighinn dhan bhaile airson choinneamhan leithid de chìs a phàigheadh.

'''S e a bhiodh ann a shin, ach cìs airson a bhith ri gnìomhachas sa bhaile fhèin agus air Ghàidhealtachd,'' thuirt Mgr Nicol.