Faochadh dha Roz

Roz NicPheadrais agus a teaghlach Image copyright Roz Paterson
Image caption Roz NicPheadrais agus a teaghlach

Chaidh innse dha boireannach air a' Ghàidhealtachd air a bheil aillse fala, nach eil idir cumanta, gum faigh i leigheis anns an Rìoghachd Aonaichte agus nach fheum i a dhol a-null-thairis.

Chaidh iomairt mhòr a chur air chois airson Roz NicPheadrais às a' Mhanachainn gus am faigheadh i air a dhol dha na Stàitean Aonaichte gus leigheas fhaighinn.

Chaidh còrr's £300,000 a chruinneachadh.

Thàinig a' chuid as motha den airgead bho dhaoine a tha a' fuireach anns a' Mhanachainn neo air Ghàidhealtachd fhèin.

Ach, dh'innis NHS na h-Alba dhi gum faigh i leigheas ann an ospadal ann am baile Lunnainn.

Gheibh daoine, a thug dhi airgead, an t-suim airgid sin air ais, neo thèid a chur a dh'ionnsaigh bhuidhnean carthannais.

'Taic air leth'

Thuirt i gun tàinig an naidheachd mar chlach às an adhar.

Dh'innis i gu bheil i fhèin agus a teaghlach air leth taingeil airson na taice a fhuair iad bho dhiofar dhaoine thall 's a-bhos, ach gu sònraichte muinntir na Manachainne.

Thuirt i: ''Tric agus minig tha sinn a' cluinntinn nach eil a leithid de rud ann a-niste ri taic agus cuideachadh bhon choimhearsnachd, ach tha. Fhuair mise taic nach gann bho mhuinntir na Manachainne - agus thàinig i na maoim.''