Còrr air 40 sgoiltean dùinte air sgàth an t-sneachda

Srath Pheofhair san t-sneachda

Tha dùil gun tig piseach air an t-sìde ged a bhios i fhathast gu math fuar air feadh Alba.

Bha rabhadh buidhe aig Oifis na Sìde ann gu 11:00 madainn Dhiciadain.

'S iad a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, Taobh Tatha, meadhan na dùthcha, Lodainn, na Crìochan agus Sràth Chluaidh as motha air an tug an t-sìde gheamhradail buaidh.

Dh'fhàg an sneachda agus deigh gu robh là dheth aig mòran de chloinn-sgoile na dùthcha.

B'i Sgoil Chille Chrionain an aon sgoil a bha dùinte ann an sgìre Earra-Ghàidheal agus Bhòid.

Bha 41 sgoiltean dùinte air a' Ghàidhealtachd:

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Uachdar Thìre

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Dhrochaid a' Bhanna

Cròileagan an Ath-Leathainn

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Bhuaile na Luib

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Chàraboist

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Dhùn Bheagain

Bun-sgoil an Aodainn Bhàin

Bun-sgoil Ealghoil

Àrd-sgoil Farr

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Farr (Cataibh)

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Ghleann Eilg

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Chille Mhoire

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Cheann Loch Biorbhaidh

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Cheann Loch Iùbh

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich na Luirge

Bun-sgoil Loch Duich

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Sgoil 'icDhiarmaid

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Mhealbhaich

Àrd-sgoil agus Bun-sgoil a' Phluic

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Pholl Iùbh

Bun-sgoil Innis nan Lìon

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Shìldeig

Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Stafainn

Bun-sgoil an t-Sruain