Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Faoilleach 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Theresa May ag ullachadh airson tilleadh dhan Bhruiseil a dh'fheuchainn ri ath-bharganachadh a dhèanamh leis an EU air an aonta Bhrexit aice. Fhuair i cead bho Bhuill-Phàrlamaid an-raoir airson feuchainn ri atharrachadh a dhèanamh air a' Chùl-Stad - am pàirt den aonta a tha a' dèiligeadh ris a' chrìch eadar Poblachd na h-Èireann agus Èirinn a Tuath. Tha dùil gun tèid Brexit a dheasbad le Pàrlamaid na h-Eòrpa an-diugh fhathast, ach tha ceannardan an EU mar thà air innse nach tèid an còrr chòmhraidhean a chumail mu mar a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach.

Agus chaidh cur às do phlanaichean airson na ceudan dhreuchdan poilis a ghearradh ann an Alba agus am feachd a' deasachadh airson dèiligeadh ri buaireadh sam bith a thig an lùib Bhrexit. Bha dùil gun deadh timcheall air 300 dreuchd a gheàrradh aig Poilis Alba thairis air an ath-bhliadhna-ionmhais. Ach dhearbh an t-Àrd-Chonstabal, Iain Livingstone, an-diugh gu bheil iad a-niste a' sealltainn ri ceud oifigear a bharrachd fhastadh.

Fògarraich

Thuirt Buidheann nam Fògarrach aig na Dùthchannan Aonaichte gu bheil na h-àireamhan a chaill am beatha a' feuchainn ri faighinn thairis air a' Mhuir Mheadhan-Thìrich an-uiridh a-niste a' seasamh aig sianar gach là. Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil an slighe a' fàs nas cunnartaiche gu h-àraid do dh'imrichean a tha a' fàgail à Libia. Tha iad a' cur tòrr den choire air oidhirpean gus bacadh a chur air na h-iomairtean teasairginn aig buidhnean carthannais eadar-nàiseanta.

Bhenesuela

Thuirt Ceann-Suidhe Bhenesuela, Nicolas Maduro, gum biodh e deònach co-labhairt eadar-nàiseanta a chumail ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn air staing eaconomach anns an dùthaich. Ach thuirt e nach gabhadh e a-muigh no a-mach ri iarrtasan airson taghadh chinn-suidhe ùr a chumail. Ann an agallamh le meadhanan stàite na Ruis, thuirt Mgr Maduro gum biodh e deiseil taghadh Pàrlamaideach a ghairm, ach ma bha na Stàitean Aonaichte agus eile ag iarraidh bhòt airson cinn-suidhe ùir, gum biodh aca ri feitheamh gu 2025 nuair a tha an teirm aige a' tighinn gu crìch.

Port-Adhair Ghlaschu

Thuirt stiùiriche Phort-Adhair Ghlaschu gu bheil làn-dùil aige gun tèid ceangal rèile a thogail eadar am port-adhair agus meadhan a' bhaile. Dh'innis Mark MacIain gun robh an loidhne a dhìth airson obair a' phuirt-adhair fhàs, agus rannsachadh ùr a' nochdadh gu bheil luach còrr is £1.4bn sa bhliadhna anns a' phort-adhair do dh'eaconomaidh na h-Alba. Tha planaichean airson ceangail-rèile chun a' phuirt-adhair air a bhith nan tàmh fad bhliadhnaichean.

Sneachda

Agus tha còrr is mìle duine-cloinne air a' Ghàidhealtachd air saor-là fhaighinn an-diugh agus sneachda air còrr is 40 sgoil a dhùnadh eadar an t-Eilean Sgitheanach, Loch Aillse, Taobh Siar Rois agus Cataibh. Tha rabhadh buidhe bho Oifis na Sìde airson sneachda agus deigh a-niste air tighinn gu crìch, ach tha comhairle fhathast ga toirt do dhràibhearan a bhith faiceallach air na rathaidean.