Atharrachadh air seirbheisean aiseig às an Òban

Bàgh an Òbain

Bidh clàran-ama aiseig ùra ann rè ùine fhad 's a tha obair leasachaidh a' dol aig cala an Òbain.

'S e an t-alt-aiseig an structar stàilinn air an tèid carbadan airson faighinn air bòrd agus far bàt-aiseig.

Tha am fear air cidhe a h-aon san Òban feumach air ùrachadh agus thèid obair eile a dhèanamh airson am bun-structar a neartachadh.

Bidh am prìomh chidhe dùinte fad na h-ath-mhìos agus bidh na bàtaichean-aiseig a' ceangal aig cidhe a dhà

Tha seo mar phàirt de dh'obair a tha CMAL, a' chompanaidh leis a bheil soithichean Chalmac, a' dèanamh air calachan air feadh na dùthcha airson agus gum bi na seirbheisean riatanach aca air a' chosta an iar seasmhach.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh nach bi lùghdachdh air na seirbheisean aca, ach gum bi buaidh air clàran-ama.

Clàran-ama rè ùine

Bidh na seirbheisean a leanas a' falbh agus a' ruighinn aig diofar amannan:

An t-Òban - Bàgh a' Chaisteil

An t-Òban - Creag an Iubhair

An t-Òban - Lios Mòr

An t-Òban - Loch Baghasdail

An t-Òban - Colla agus Tiriodh

An t-Òban - Colbhasa

Bidh am fiosrachadh ùr seo ri fhaotainn air làrach-lìn ChalMac www.calmac.co.uk/service-changes

Thuirt Ceannard nan Seirbheisean aig CalMac, Raibeart Moireasdan, nach bi lùghdachadh air na seirbheisean fhad 's a tha an obair a' dol.

"Leis nach bi ach aon alt-aiseig ann ge-tà, tha e a' ciallachadh nach bi uimhir de dh'ùine eadar seòlaidhean agus, mar sin, tha sinn ag iarraidh air luchd-siubhail tìde gu leòr a thoirt dhaibh fhèin," thuirt e.