Làraidh sailidh far an rathaid an Apainn

Tubaist le làraidh sailidh Image copyright Stewart Gourlay

Chaidh dràibhear làraidh sailidh a thoirt dhan ospadal an dèidh dhan charbad a dhol air a chliathaich faisg air An Apainn.

Chaidh an làraidh sìos bruaich aig oir an A828 faisg air an Old Inn mu 03:30 Diciadain.

Thuirt na poilis nach deach an dràibhear a ghoirteachadh gu dona ach gun deach a thoirt dhan ospadal air eagal agus gun robh iad feumach air cùram.

Cha do dh'fhosgail còrr agus 40 sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd air sgàth an t-sneachda.

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a sgaoileadh airson mòran sgìrean de dh'Alba eadar 17:00 Diciadain gu 11:00 Diaordaoin.

Tha eòlaichean a' toirt rabhadh gum faod sneachda laighe fhathast air taobh sear na dùthcha feasgar Dhiardaoin, agus tha rabhadh buidhe aca an sàs airson ceàrnaidhean de cheann a tuath agus taobh an ear na h-Alba airson oidhche Dhiardaoin agus madainn Dhihaoine.