Dragh mu staid ionmhais hospice Steòrnabhaigh

Soidhne Hospice Bhethesda

Tha comhairliche a' cur as leth NHS nan Eilean Siar nach tug iad airgead gu leòr do hospice Bhethesda fàd bhliadhnaichean.

Tha ceannard na buidhne SNP aig Comhairle nan Eilean Siar, Gòrdain Moireach, ag ràdh gu bheil staid ionmhais an àite na chùis iomagainn dha air sgàth dìth thaic-airgid bhon bhòrd slàinte aison ùine mhòr.

Tha e a' tuigsinn nach eil NHS nan Eilean Siar air cumail ri gealltanas an dàrna leth de chosgaisean an hospice a phàigheadh sna deich bliadhna a dh'fhalbh.

Tha e am bòrd slàinte a' tabhann àrdachadh de 3% ann an taic-airgid airson na trì bliadhna a tha romhainn, ach thuirt Mgr Moireach gu robh sin maslach air sgàth an dìth-mhaoineachaidh thar nam bliadhnaichean.

Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gun robh iad a' cur suim sna seirbheisean a bha hospice Bhethesda a' tabhann.

Bha iad air obrachadh gu dlùth leotha, thuirt iad, airson dèanamh cinnteach gu robh an t-aonta as fheàrr eatorra chum maith gach buidhne.

Tha Hospice Bhethesda agus Dachaigh Cùraim air a ruith le cathrannas Crìosdail nach buin do dh'eaglais sam bith.

Tha iad a' coimhead as dèidh seann daoine agus a' toirt cùraim do dhaoine air a bheil tinneas mairbhteach aig deireadh am beatha.