59 dreuchd ann an cunnart an Steòrnabhagh

Suaicheantas TalkTalk

Dhearbh a' chompanaidh conaltraidh TalkTalk gun dùin iad an t-ionad aca ann an Steòrnabhagh as t-samhradh.

Chaidh an naidheachd a sgaoileadh dhan luchd-obrach ann an Leòdhas Diciadain.

Dh' innis iad dhaibh gun robh iad a' tarraing an luchd-obrach ri chèile ann an ionad ann an Salford faisg air Manchester.

Tha TalkTalk air fear den luchd-fasdaidh as motha san roinn phrìobhaidich air an eilean agus tha àite air a bhith aca ann an Raon Gnìomhachais Ghleann Sheilich on fhuair iad an làrach bho OneTel ann an 2005; thathar a' tuigsinn gun robh an t-aonta màil aca an sin gus crìochnachadh.

Salford

Thuirt neach-labhairt TalkTalk nach e co-dhùnadh furasta a rinn iad.

"An-uiridh, dh'fhoillsich sinn planaichean airson a' phrìomh oifis againn ann an Lunnainn a ghluasad gu Salford, agus am baile a dhèanamh na phrìomh àrainn do TalkTalk."

"An dèidh beachdachadh gu cruaidh air a' ghnothach, tha sinn air co-dhùnadh 59 dreuchdan ann an Steòrnabhagh a ghluasad.

"Nì sinn ar dìcheall taic a thoirt dhan luchd-obrach againn agus nas lugha buaidh a thoirt air a' choimhearsnachd," thuirt iad.

Comhairle

Tha cathraiche comataidh leasachadh maireannach Comhairle nan Eilean Siar, an Comhairliche Dòmhnall Crichton, air sgrìobhadh gu Ministear nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba, Pòl Wheelhouse, feuch an gabh càil dèanamh airson cosnaidhean às ùr a lorg dhan luchd-obrach.

Chan eil fhios aig an ìre seo an tèid tairgsean obrach a thabhann air an luchd-obrach ann an Sasainn neo an tèid am pàigheadh dheth.

Thuirt Mgr Crichton gu bheil call na tha seo de dh'obraicheann ann an àite mar Leòdhas coltach ri bhith a' call 3,000 dreuchd ann an àite an leithid Ghlaschu.

Cothroman cosnaidh

Tha Buill-Phàrlamaid nan Eilean Siar le chèile air a ràdh gur e buille mhòr a th' anns an naidheachd.

"Tha mo smuaintean leis an luchd-obrach agus an teaghlaichean aig an àm dhuilich seo," thuirt Alasdair Allan BPA.

"Tha call obraichean mar seo a' toirt buaidh mhòr air eaconamaidh àite mar Leòdhas, coltach ri call nam mìltean chosnaidhean ann am baile mòr mar Ghlaschu," thuirt Mgr Allan.

Thuirt e gun do bhruidhinn e ri HIE agus gun do dh'iarr e taic Ministear Gnothachais Riaghaltas na h-Alba, Jamie Hepburn.

"'S e seo làrach far a bheil obair air a bhith a' dol airson còrr air 10 bliadhna agus tha e cudromach gun tèid nas urrainn a dhèanamh airson a chumail fosgailte," thuirt Mgr Allan.

Tha ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas MacNèill, ag radh gur e briseadh-dùil a bh' ann.

"Tha TalkTalk ag aithneachadh gu bheil luchd-obrach fìor sgileil aca ann an Steòrnabhagh a tha a' dèiligeadh ri gearanan an luchd-cleachdaidh."

"Tha mi airson an teachdaireachd a sgaoileadh do chompanaidhean eile gu bheil cothrom aca daoine comasach fhasdadh aig a bheil fìor dheagh chliù mar chuid den luchd-obrach as fheàrr aig TalkTalk," thuirt Mgr MacNèil.