Cead ga shireadh do thuath-gaoithe air iomall Steòrnabhaigh

Crann-gaoithe
Image caption Tha Cumhachd Gaoithe Leòdhais ag ràdh gun toir seo dhaibh comas cruinn ghaoithe nas ùire is nas èifeachdaiche a chleachdadh, agus gum bi cothrom nas fheàrr aca air maoineachadh riatanach fhaighinn bhon Riaghaltas.

Tha a' chompanaidh Cumhachd Gaoithe Leòdhais air innse gu bheil iad a' sireadh cead-dealbhachaidh a bharrachd airson an tuath gaoithe a tha iad an dòchas togail air iomall Steòrnabhaigh.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gun toir seo dhaibh comas cruinn ghaoithe nas ùire is nas èifeachdaiche a chleachdadh, agus gum bi cothrom nas fheàrr aca air maoineachadh riatanach fhaighinn bhon Riaghaltas.

Tha Cumhachd Gaoithe Leòdhais neo LWP ag ràdh gu bheil e cudromach an teicneòlas as ùire is as èifeachdaiche a chleachdadh ma tha iad gu bhith soirbheachail ann a bhith a' faighinn maoineachaidh airson a' phròiseict.

Nas fhaide air adhart sa bhliadhna bidh iad a' farpais airson maoineachadh 'Contracts for Difference' an aghaidh thuathan-gaoithe mòra sa chuan a tuath.

Thuirt neach-labhairt bho LWP gun deach adhartas mòr a dhèanamh ann an teicneòlas chrann-gaoithe anns na ceithir bliadhna on a chuir iad a' chiad iarrtas airson cead-dealbhachaidh a-steach agus ma thèid seo a chur an sàs gun lùghdaicheadh e na cosgaisean aca gu mòr.

Thuirt e cuideachd gum bi cuid de na cruinn nas lugha na bha iad a' tomhais aig an taisbeanadh a bh' aca san Dàmhair agus nas fhaide air falbh bhon bhaile às dèidh beachdan a chluinntinn bho mhuinntir an àite.

Tha LWP an dòchas tuilleadh co-chomhairleachaidh a dhèanamh air na planaichean aca mus cuir iad an t-iarrtas cead-dealbhachaidh a-steach.