Còmhraidhean mu obraichean TalkTalk

Suaicheantas TalkTalk

Tha oidhirp a' tòiseachadh companaidh a lorg a dh'fhaodadh an t-ionad conaltraidh aig TalkTalk ann an Steòrnabhagh a ghabhail os làimhe.

Dh'innis a' chompanaidh Diciadain gun dùin an t-ionad as t-samhradh is gun tèid an 59 cosnadh a th' aca ann an Leòdhas a ghluasad gu Salford ann am Manchester.

Thuirt TalkTalk gur e co-dhùnadh doirbh a bha seo dhaibh, ach gu bheil e na phàirt de ro-innleachd gus prìomh làrach na companaidh a bhith stèidhichte ann an Salford.

Dh'innis Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gu bheil iad a' cur air dòigh taic dhan luchd-obrach tro sgeama PACE.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Dòmhnall Crichton mu shuidheachadh TalkTalk.

Thuirt iad cuideachd gu bheil còmhraidhean air tòiseachadh mar-tha feuch companaidh eile a lorg a dh'fhaodadh ionad TalkTalk ann an Leòdhas a ghabhail os làimhe.

Thuirt HIE gu bheil sgilean is eòlas aig luchd-obrach TalkTalk ann an Steòrnabhagh a dh'fhaodadh a bhith nam buannachd mhòr do chompanaidh eile.

'S e sin cuideachd an dòchas a th' aig cathraiche Comataidh Leasachadh Maireannach Comhairle nan Eilean Siar, an Comhairliche Dòmhnall Crichton.

Tha an Comh. Crichton air sgrìobhadh gu Ministear nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba, Pòl Wheelhouse, feuch an gabh dad a dhèanamh airson cosnaidhean ùra a lorg dhan luchd-obrach.

Thuirt an Comh. Crichton gur e buille mhòr a th' ann dhan sgìre is gu bheil call obraicheann mar seo ann an àite mar Leòdhas coltach ri bhith a' call 3,000 dreuchd ann an àite an leithid Ghlaschu.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Alasdair Allan is obraichean TalkTalk air an gearradh.

"Bidh sinn ag obair còmhla ri HIE gu cruaidh feuch taic anns a' chiad àite a thoirt dhan luchd-obrach, agus an uairsina' coimhead ri ciamar a gheibh sinn companaidhean ùra a thàladh an seo", thuirt an Comh. Crichton.

"Tha fios againn gu bheil an togalach sin ann is feumaidh sinn oidhirp a dhèanamh a-nise airson feuchainn ri tàladh chompanaidhean ùra a-steach", thuirt e.

Tha Buill-Phàrlamaid nan Eilean Siar le chèile ag ràdh gur e buille mhòr a th' anns an naidheachd.

Thuirt BPA nan Eilean am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, gur iad luchd-obrach sgileil is dìcheallach a th' aig TalkTalk ann an Leòdhas.

Gheall e gun tèid gach oidhirp a dhèanamh cosnaidhean ùra a lorg dhan luchd-obrach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile