Stiùireadh ùr an fhearainn

Stuart Bridges, Edward Baxter is Kirsty Tait. Image copyright Coimisean Fearainn na h-Alba
Image caption Tha Coimisean Fearainn na h-Alba ag ràdh gu bheil na prionnsabalan san stiùireadh ùr aca ag obair mar tha ann an East Neuk ann am Fìobha.

Tha Coimisean Fearainn na h-Alba air stiùireadh ùr fhoillseachadh do dh'uachdarain, manaidsearan fearainn agus coimhearsneachdan.

Tha iad ag ràdh gum bi an stiùireadh na chuideachadh a thaobh co-obrachadh agus co-dhùnaidhean nas fheàrr a dhèanamh air mar a tha talamh air a chleachdadh ann an Alba.

'S e a' chiad phàirt ann an sreath de mholaidhean a bhios aig Coimisean Fearainn na h-Alba a thaobh phrionnsabalan a bha an lùib aithisg bho Riaghaltas na h-Alba an-uiridh air còirichean agus dleasdanasan fearainn.

Thuirt iad gum bu chòir co-obrachadh le coimhearsnachdan a bhith na phàirt àbhaisteach de stiùireadh fearainn.

Buannachdan

Tha iad ag ràdh gun toir seo barrachd fiosrachaidh do choimhearsnachdan air na tha a' tachairt anns na sgìrean aca, cothrom buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean, agus tuigse nas fheàrr a bhith aca air atharrachaidhean sam bith.

Thuirt an Coimisean cuideachd gu bheil co-obrachadh le coimhearsnachdan na bhuannachd mòr dha uachdarain fhèin.

Thog iad air sgìre East Neuk ann am Fìobha far an deach buidheann stiùiridh fhoillseachadh gus uachdarain agus buidhnean coimhearsneachd a thoirt còmhla gus bruidhinn air cleachdadh an fhearainn.

Foillsichidh an Coimisean tuilleadh stiùiridh air cuspairean eile co-cheangailte ri fearann a dh'aithghearr.

Thuirt Sally Reynolds bhon Choimisean gum bi an stiùireadh soilleir, praictigeach, agus cothromach dhan a h-uile buidheann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile