Barrachd airgid do HIAL

Plèana

Thig àrdachadh mòr air an airgead a tha Puirt-Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Am-bliadhna fhuair HIAL £29m - ach thèid sin an-àirde gu faisg air £46m anns a' bhliadhna ionmhais ùir.

Ged nach eil fios le cinnt ciamar a thèid an t-airgead a chosg, thuirt neach-labhairt bho HIAL gu bheil an t-airgead a bharrachd a' ciallachadh gun urrainn dhaibh leantainn orra le seirbheisean-adhair riatanach a thoirt seachad ann an coimhearsnachdan iomallach.

Thathas a' tuigsinn gun tèid co-dhìu pìos den airgead a chosg air obair-càiridh aig na puirt-adhair san lìonra aca.

Cothromach

Tha 11 dhiubh sin aig HIAL.

Thuirt cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil iad 'son faighinn a-mach ciamar a thèid an t-airgead a chosg.

Dh'innis e gu bheil e an dòchas gun tèid a roinn gu cothromach is gum bi cuibhreann ann airson seirbheisean dha na h-eileanan a dhìon is a leasachadh.

Thuirt an Comh. Robasdan cuideachd gu bheil mì-thoileachas a' leantainn gun do chuir HIAL cìsean parcidh an sàs aig puirt-adhair, is dh'iarr e gun tèid dèiligeadh ri luchd-siubhail anns na h-eileanan ann an dòigh chothromach bho seo a-mach.