Taghadh Chupa Shrath Èireann, a-rithist

Iomain

Rinn Comann na Camanachd an dàrna oidhirp air taghadh Chupa Shrath Èireann.

Bha bùrach ann na bu thràithe an t-seachdain seo nuair a rinn an Comann an taghadh gun chinnt air cò na sgiobaidhean a bhiodh a' farpais.

Chaidh an taghadh air adhart a-rithist madainn Diardaoin às dèidh dhaibh co-dhùnadh nach bi Gleann Garadh a' cluiche ann.

Tha na geamaichean mar a leanas:

Ro-Chuairt - 27/04

Lòbhat - Leòdhas

A' Chiad Chuairt - 25/05

Loch Carrann - Lòbhat / Leòdhas

Both Fhleisginn - Inbhir Nis

Ceann Loch Seile - Baile Ùr an t-Slèibh

Srath Ghlais - An Gearasdan

Gleann Urchadain - Cabair Fèidh

Loch Abar - Cill Mhàillidh

Srath Spè - Ceann a' Ghiuthsaich

Camanachd an Eilein Sgitheanaich - A' Mhanachainn

An Dàrna Chuairt - 29/06

Gleann Urchadain / Cabair Fèidh - Camanachd an Eilein Sgitheanaich / A' Mhanachainn

Loch Carrann / Lòbhat / Leòdhas - Ceann Loch Seile / Baile Ùr an t-Slèibh

Srath Spè / Ceann a' Ghiuthsaich - Srath Ghlais / An Gearasdan

Both Fhleisginn / Inbhir Nis - Loch Abar / Cill Mhàillidh

Iar-ChuairtDheireannach - 10/08

Gleann Urchadain / Cabair Fèidh / Camanachd an Eilein Sgitheanaich / A' Mhanachainn - Loch Carrann / Lòbhat / Leòdhas / Ceann Loch Seile / Baile Ùr an t-Slèibh

Both Fhleisginn / Inbhir Nis / Loch Abar / Cill Mhàillidh - Srath Spè / Ceann a' Ghiuthsaich / Srath Ghlais / An Gearasdan

Bidh a' chuairt dheireannach ann an 31mh den Lùnastal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile