Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 Am Faoilleach 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat

Dh'iarr Rùnaire Ionmhais na h-Alba air Buill-Phàrlamaid cùl-taic a chur ris a' bhuidseat aige an-diugh, 's e a' toirt rabhaidh gum biodh e mì-chùramach dhaibh bhòtadh na aghaidh. Feumaidh Derek MacAoidh cùl-taic fhaighinn bho co-dhiù dithis bhall dùbhlanach airson na planaichean aige fhaighinn tron Phàrlamaid. Tha na Lib-Deamaich agus na Tòraidhean mar-tha air a ràdh gum bhòt iad an aghaidh a' bhuidseit, le na Làbaraich ag ràdh gum feumar atharrachadh. Tha am Pàrtaidh Uaine ag iarraidh na milleanan notaichean a bharrachd do chomhairlean na h-Alba ma tha iad a' dol a chur taic ris na planaichean.

Leanabhan

Tha dragh air èirigh mu mar a tha galairean a' sgapadh ann an ospadalan Albannach às dèidh bàs dithis leanabhan ann an Glaschu. Chaochail na pàistean le galair-fala ann an Ospadal na Bana-Phrionnsa Rìoghail. Thuirt Bòrd Slàinte Roinn Ghlaschu is Chluaidh gun robh na leanabhan air a bhith air leth tinn, agus gun robh an galair am measg na h-uimhir de nithean a dh'adhbharaich am bàs.

Brexit

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine gur ma dh'fhaoidte gum feum an ceann là airson Breatainn a bhith a' fàgail an EU a chur air ais. Tha nas lugha na ochd seachdainean air fhàgail ro là Bhrexit, agus tha Jeremy Hunt air aideachadh gum bi barrachd ùine a dhìth airson reachdas a stèidheachadh ann an lagh, ma thèid aonta a ruighinn leis an Aonadh Eòrpach aig a' mhionaid mu dheireadh. Tha ceannard Thaigh nan Cumantan, Andrea Leadsom, air innse gur ma dh'fhaoidte gun tèid làithean saora na Pàrlamaid anns a' Ghearran a chur dheth airson adhartas a dhèanamh air Brexit.

Càraichean

Tha àireamhan ùra a' sealltainn gun do thuit na chaidh a thasgadh de dh'airgead ann an gnìomhachas chàraichean Bhreatainn 80% anns na trì bliadhna a dh'fhalbh. Tha Comann Luchd-Togail is Malairt nan Carabadan ag ràdh gu bheil a' mhì-chinnt mu Bhrexit air an gnìomhachas a chur air faire. An-uiridh, thuit an àireamh de chàraichean a chaidh a thogail ann am Breatainn chun na h-ìre as ìsle bho 2012.

Tidsearan

Thòisich dà aonadh teagaisg a' bhòtadh an-diugh air an tèid gabhail ri tabhartas pàighidh ùr. Tha an EIS agus an SSTA ag ràdh ma dhiùltas am ballrachd gabhail ri àrdachadh de 9% am-bliadhna agus 3% an ath-bhliadhna, gun cum iad baileat stailc. Tha Riaghaltas agus comhairlean na h-Alba ag ràdh gur e seo an tairgse as fheàrr a tha ga thabhann san Rìoghachd Aonaichte.

Aillse

Bheir màthair le aillse a thog còrr 's £300,000 airson cùrsa-leigheis an t-airgead air ais às dèidh dhan NHS aontachadh gum pàigh iad airson a' chobhair aice. Bha Roz NicPheadrais ag amas air £500,000 a thogail às dèidh mar a chaidh innse dhi air a' mhìos seo chaidh nach robh ach beagan sheachdainean aice air fhàgail, agus nach obraicheadh Chemotherapy air an aillse aice. Bha a' Bh-Mh. NicPheadrais, a tha 52, airson a dhol dha na Stàitean Aonaichte airson teiripe cealla, ach tha Seirbheis na Slàinte ann an Alba a-nis air innse dhi gum pàigh iad airson an aon sheòrsa cobhair fhaighinn dhi ann an Sasainn.