Dè seòrsa duine a bh'ann an Teàrlach Òg Stiùbhairt?

Teàrlach Òg Stiùbhairt Image copyright Getty Images
Image caption Dealbh de Theàrlach air a pheantadh uaireigin eadar 1740 agus 1750.

Bidh òraid aig Ionad Chùl Lodair a' cur teagamh san ìomhaigh chumanta den phrionnsa mar fhear boireanta gun smior.

'S e an t-ùghdar, Steve Lord, a bheir òraid bhliadhnail Urras Nàiseanta na h-Alba seachad.

Bidh an òraid steìdhichte air leabhar a sgrìobh e, Walking with Charlie, sa bheil e a' ceasnachadh a' bheachd gur e duine lag mì-fhearail a bh'anns a'phrionnsa.

Chaidh an ìomhaigh seo de Theàrlach mar fhear bhog a dhaingneachadh ann am prògraman an leithid Culloden ann an 1964 agus an sreath telebhisein, Outlander.

'S e Comann 1745, a chaidh a stèidhicheadh airson dìleab nan Seumasach a dhìon, a thug cuireadh don sgrìobhadair aig tachartas a bhios aca a h-uile bliadhna mar chuimhne air Blàr Chùl Lodair.

Image copyright Getty Images
Image caption Sheall obair ealain gu robh am prionnsa na bu bhuige na bha e.

Propoganda

An dèidh thighinn a dh'Alba às an Fhraing ann an 1745, bhrosnaich am prionnsa cinn-fheadhna an taic a chur ris agus a dhol còmhla ris a Dherby.

B'fheudar dha teicheadh le feachdan an riaghaltais an tòir air an dèidh mar a chuireadh ruaig air na Seumasaich aig Blàr Chùl Lodair, faisg air Inbhir Nis, air 16mh den Ghiblean 1746.

Tha Lord ag argamaid gur e propoganda an riaghaltais Hanobhèirianaich is coireach ris an dòigh sa bheil mòran a' cuimhneachadh air a' Phrionnsa.

"Am measg nam breugan a bhathar a' sgaoileadh bha, am measg eile, gur e daoine borb a bha sna saighdearan aige dh' itheadh clann an fheadhainn ris an coinnicheadh iad air an slighe a Shasainn," thuirt e.

Tha an t-ùghdar ag ràdh gu bheil dealbhan agus postairean dhen phrionnsa aig an àm ga shealltainn mar dhuine boireanta; na bheachd, 's e fear foghainteach a bh'ann.

"Tha ar-a-mach nan Seumasach a' sealltainn gu robh Teàrlach Òg Stiùbhairt mòran na bu treuna na tha moran dhen bheachd.

"Bha e ann fad na h-iomairt agus an nuairsin bha e còig mìosan le feachdan riaghaltais an tòir air a' siubhal air monaidhean garbh anns na ceàrnaidhean as iomallaiche de dh'Alba," thuirt Mgr Lord.

Coiseachd chruaidh

Chan eil dòigh air thalamh gum faodadh duine an-thapaidh gun neart uidhear de luchd-taic a mhisneachadh neo an turas cruaidh às a' Ghàidhealtachd gu Derby agus air ais a chrìochnachadh, am beachd Steve Lord.

Lean e ceumanan a'phrionnsa air deich de na tursan a rinn e eadar 1745 agus 1746 san iomairt aige airson criùn Bhreatainn. Bha e mar phàirt den rannsachadh aige airson an leabhair aige agus airson dearbhadh nach b 'urrainn do dh'fhear nach robh tapaidh agus dàna siubhal air na slighean a ghabh am Prìonnsa agus na Seumasaich.

Am measg nan tursan aca ro Bhlàr Chùl Lodair bha slighe 16.5 mìle eadar Dail Eildhe gu Gleann Fhionnhainn tarsainn Loch Seile airson Bratach nan Seumasach a thogail.

An dèidh a' bhlàir far an d'fhuair feachdan an riaghaltais làmh an uachdair, a' cur ruaig air a' Phrionnsa agus a chòmhlan, choisich iad 20 mìle à Loch Arceig tro Ghleann Pheathain dhan Òban agus Meobal.

Am beachd Steve Lord:"Chan e cuairt a tha seo as urrainn do dhuine nach robh misneachail agus air a dheagh uidheamachadh a dhèanamh."

A-rithist, eadar 18mh ann Òg-mhios agus 21mh an Òg-mhios choisich am Prionnsa 12 mìle tro Ghleann Deasairidh a' seachnadh loidhne de shaighdearan nan "còtaichean dearga" eadar Loch Chuaich agus Ceann Loch Shùirn.

"'S e slighe gharbh dha-rìreabh a tha seo gun cheuman-coise neo comharran follaiseach," thuirt Mgr Lord.

Bidh dealbhan aige bho na tursan aige air an taisbeanadh mar phàirt den òraid aige aig Ionad Chùl Lodair air 12mh an Giblean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile